Greatna
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Greatna.[1][2] Tha e suidhichte aig 26m os cionn ìre na mara,[3] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Dòrnach agus Cathair Luail, ri taobh na h-aibhne Easg.[4] Tha e 247km air falbh bho Obar Dheathain, 122km bho Ghlaschu, 35km bho Dhùn Phrìs agus 107km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[5] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Greatna. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. A bharrachd air sin, tha ionad nam bùithtean,[6] dà thaigh-seinnse,[7] trì taighean-òsda,[8] agus talla a' bhaile ann.[9] Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Inbhir Anainn. Ann an 2001 bha 2,705 duine a' fuireach an seo.[10] Tha Gretna Green, baile beag a tha ainmeil airson na bainsean aige, faisg air. Tha sgioba ball-coise aige, an C.B. Greatna.[11]
Greatna | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Co-chomharran | 54° 59′ 38″ Tuath 03° 03′ 43″ Iar |
Comharradh-clèithe | NY 321 671 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 2,705 (2011) |
Àireamh fòn | 01461 |
Duilleag oifigeil | Greatna aig Visit Scotland |
Freumhan an Ainm
A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a coltas ann gur ann à Lochlannais greten (caoineadh) agus seann-Bheurla howe (sloc) tha ainm a' bhaile.[12] Bheireadh sin Sloc a' Chaoinidh dhuinn sa Ghàidhlig. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[13] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir agus tha iad uile-làthaireach san sgìre eadar Inbhir Anainn agus Greatna. A bharrachd air sin, chaidh am baile a chlàradh mar Gretenhowe ann an 1576.
Eachdraidh
Chaidh Na Seumasaich seachd air Greatna air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail.[14]
Iomraidhean
- Stòr-dàta SMO
- Alba le Roy Pedersen
- MeteoTeamplaid:Fix/category
- GPS Routes
- Distance from - to
- Gretna Gateway
- Good Pub Guide
- Trip Advisor
- Village Halls
- Scotland's Census Result OnLineTeamplaid:Fix/category
- Gretna Supporters Society
- The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- Ordnance Survey
- Am BaileTeamplaid:Fix/category
Ceanglaichean a-mach
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck