Gottfried Wilhelm Leibnitz
B' e feallsanaiche agus matamataigear às a' Ghearmailt a bha ann an Gottfried Wilhelm Leibnitz.
Gottfried Wilhelm Leibnitz | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
1678 -
1713 - | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Leipzig, 1 dhen Iuchar 1646 | ||||||
Dùthaich | Electorate of Saxony | ||||||
Ciad chànan | Gearmailtis | ||||||
Bàs | Hànobhar, 14 dhen t-Samhain 1716 | ||||||
Àite-adhlacaidh | Neustädter Hof- und Stadtkirche St. Johannis (en) | ||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra | ||||||
Teaghlach | |||||||
Athair | Friedrich Leibniz | ||||||
Màthair | Catharina Schmuck | ||||||
Cèile | no value | ||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam |
Thomasschule zu Leipzig (en) Alte Nikolaischule (Leipzig) (en) (1653 - 1661) Oilthigh Leipzig (1661 - 1666) : Feallsanachd, lagh Oilthigh Jena (1663 - 1663) University of Altdorf (en) (1666 - 1667) | ||||||
Àrd-fhoghlam |
Baidealair nan Ealan Maighstir nan Ealan Baidealair ann an Lagh habilitation (en) Doctor of Laws (en) Dotair Feallsanachd | ||||||
Teusas | Dissertatio de arte combinatoria | ||||||
Stiùiriche an teusais |
Jakob Thomasius (en) Erhard Weigel (en) Bartholomäus Leonhard Schwendendörffer (en) Christiaan Huygens (en) | ||||||
Oileanaich dotaireachd |
Nicolas Malebranche (en) Christian Wolff (en) Jacob Bernoulli (en) | ||||||
Cànain |
Laideann Gearmailtis Fraingis Eadailtis Beurla Duitsis Eabhra | ||||||
Luchd-teagaisg |
Jakob Thomasius (en) Bartholomäus Leonhard Schwendendörffer (en) Erhard Weigel (en) | ||||||
Oileanaich |
Jacob Bernoulli (en) Johann Bernoulli (en) Raphael Levi Hannover (en) | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | matamataigear, lagh-eòlaiche, fiosaigiche, feallsanaiche, dioplomat, eachdraiche, leabhar-lannaiche, eòlaiche-ciùil, eadar-theangair, teòirigiche ciùil, sgrìobhadair, diplomatician (en) , bàrd, einnseanair, ainmh-eòlaiche, tasglannaiche, bith-eòlaiche, geòlaiche, policy advisor (en) , philosopher of law (en) agus loidsigiche | ||||||
Àitichean-obrach | Leipzig, Hànobhar, Altdorf bei Nürnberg, Berlin, Vienna, Wolfenbüttel, An Ròimh, Paris agus Lunnainn | ||||||
Fastaichean | Oilthigh Leipzig | ||||||
Obraichean comharraichte |
Discourse on Metaphysics (en) Théodicée (en) integral calculus (en) Stepped Reckoner (en) Q19234609 Monadology (en) Leibniz's notation (en) calculus ratiocinator (en) New Essays on Human Understanding (en) | ||||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||||
Buaidh | Platon, Blaise Pascal (en) , Giordano Bruno (en) , Thomas Aquinas (en) , Thomas Hobbes (en) , Aristoteles, Christiaan Huygens (en) , Maimonides, Confucius, Francisco Suárez (en) , Nicholas of Cusa (en) , Nicolas Malebranche (en) , Jacob Bernoulli (en) , Baruch Spinoza, René Descartes, Naomh Augustine à Hippo, Jakob Thomasius (en) , Anselm of Canterbury (en) , Nicolaus Steno (en) , Erhard Weigel (en) , John Amos Comenius (en) , Plotinus (en) , Ramon Llull (en) , Hypatia (en) , Pierre Gassendi (en) , Giovanni Pico della Mirandola (en) , Duns Scotus (en) , Jacques Bénigne Bossuet (en) agus Ibn Tufayl (en) | ||||||
Ballrachd |
Acadamh Pàpach nan Saidheansan Acadamh Phruiseach nan Saidheansan An Comann Rìoghail Acadamh Fhrangach nan Saidheansan | ||||||
Gluasad | rationalism (en) | ||||||
Creideamh | |||||||
Creideamh | Lutharanachd | ||||||
Tha e ainmeil air sgàth 's gun do chruthaich e an comharradh àbhaisteach airson a' chalcalais, rinn e inneal airson rìomhaireachd agus sgrìobh e feallsanachd anns an robh coincheip de mhònadan.[1]
Beatha
Rugadh e ann an Leipzig 1 an t-Iuchar 1646. Dh'inntrig e an t-oilthigh nuair a bha e ach 14 bliadhna a dh'aois. Dh'ionnsaich e matamataig agus feallsanachd à Erhard Weigel aig Oilthigh Jena ach fhuair e dotaireachd ann an lagha ann an 1667. Rannsaich e matamataig agus fiosaig còmhla ri Christiaan Huygens ann an 1672 agus chaidh e dhan Comann Rìoghail ann an Lunnainn ann an 1673 agus thagh iad mar bhall e ann an 1673. Thaisbean e inneal rìomhaireachd ach cha do chur e crìoch air. Thill e gu Paris far an do dh'innlich e a' chomharradh ∫f(x) dx airson iontagrachaidh a tha sinn fhathast a' cleachdadh anns an latha an-diugh.[1][2]
Chaidh e na leabhar-lannaiche agus comhairliche airson Diùc Hànobhar ann an 1676 agus mhair e an sin gus an do bhàsaich e 14 an t-Samhain 1716.
Strì ri Newton
Dh'fhoillsich Leibnitz an obair aige air diofarachadh ann an 1684 agus air iontagrachadh ann an 1686. Ged a sgrìobh Isaac Newton air na cuspairean seo ann an 1671, cha do dh'fhoillsich Newton e agus chuir John Keill, matamataigear à Alba, mèirle-sgrìobhaidh air Leibnitz. Chuir comataidh a' Chomainn Rìoghail taic ri Newton ann an 1713 ach b' e Newton fhèin a sgrìobh an aithris![1] Sgrìobh Leibnitz gu Caroline à Anspach a bha na bana-phrionnsa na Cuimrigh aig an àm sin agus e a' toirt rabhadh an aghaidh Newton. Dh'iarr i eadar-theangachadh de Theodicé aig Leibnitz agus dh'eadar-theangaich Samuel Clarke e. Tha an co-sgrìobhachas eadar Leibnitz agus Clarke cudromach ann am feallsanachd saidheins.[3]
Iomraidhean
- O'Connor, J J ⁊ Robertson, E F (An Dàmhair 1998): “Gottfried Wilhelm von Leibniz”. MacTutor. Oilthigh Chill Rìmhinn. Air a thogail 14mh dhen t-Sultain 2023.
- “Ag iontaigreadh abairtean sìmplidh ailseabrach - Iontagrachadh - Àrd Ìre Matamataig - BBC Bitesize”. BBC. Air a thogail 14mh dhen t-Sultain 2023.
- Brown, Gregory: “Caroline of Ansbach (1683-1737)”. Leibnitiana. Oilthigh Houston. Air a thogail 14mh dhen t-Sultain 2023.