Gotha
‘S e baile meadhanach faisg air Eisenach agus Erfurt ann an cridhe na Gearmailte a th’ ann an Gotha (IPA: ɡoːtaː). Tha e suidhichte aig 300m os cionn ìre na mara, 122km bho Altenburg, 44km bho Weimar, 169km bho Nürnberg agus 256km bho Bherlin.[1] Tha 44,325 duine a' fuireach ann.[2]
Gotha
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Gotha | ||||
Sgìre | Thüringen | ||||
Co-chomharran | 50° 56' 56' Tuath 10° 43' 06' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 69.52 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 44,325 (2013) | ||||
Dlùths | 637.59/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)3621 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
Eachdraidh
Chaidh Gotha a chlàradh airson a' chiad turais air 25 an Dàmhair 775 mar Villa Gotaha, ann an sgrìobhainn aig Teàrlach Mòr.[3] Tha Villa a' ciallachadh taigh ann an Laideann agus tha gotaha a' ciallachadh deagh uisgeachan ann an t-seann Ghearmailtis. Chan eil Gotha idir faisg air abhainn agus chuireadh sin bacadh air malairt, a bharrachd air duilgheadasan a thaobh solar uisge. Le sin, thogadh canal ann an 1369, a' toirt uisgeachan nan aibhnichean Hörsel agus Apfelstädt às na coilltean a tha còrr is 25km bho Ghotha. Thug sin piseach air eaconomaidh na sgìre. Chaidh abaid a thogail an seo ann an 1251, ach chaidh a leigeil bàn ri linn an Ath Leasachaidh ann an 1525. Thoisich An t-Ath Leasachadh an seo ann an 1515 nuair a shearmonaich Martin Luther anns a' bhaile.[4] Eadar 1572 agus 1680 bha Gotha na phàirt Sachsen-Coburg. Rinn Cogadh nan 30 Bliadhna droch bhuaidh air a' bhaile. B' e prìomh-bhaile na Diùcachd Sagsainn-Gotha-Altenburg a bh' ann bho 1680 gu ruige 1826. Chaidh a' chiad Almanach de Gotha fhoillseachadh an seo ann an 1763.[5] Chaidh am baile a thoirt a-steach gu Thüringen ann an 1920, an dèidh Ar-a-mach na Gearmailt.[6]
Bailtean Co-cheangailte
- Gastonia
- Kielce
- Martin
- Romilly-sur-Seine
- Salzgitter
Iomraidhean
- Luft Linie
- Destatis
- RennsteigtippTeamplaid:Fix/category
- Luther in Thüringen
- Gotha 1763
- Novemberrevolution