Girardota
'S e baile meadhanach ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a tha ann an Girardota. Tha e suidhichte aig 1,425m os cionn ìre na mara anns a' Ghleann Aburrá, dìreach ri taobh Medellín, prìomh-bhaile na roinne. ' S e baile le gnàth-shìde theth a th'ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 22˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1833.
Girardota
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Antioquia | ||||
Sgìre | Valle de Aburrá (A' Ghleann Aburrá) | ||||
Àirde | 1425m | ||||
Co-chomharran | 6° 22' Tuath 75° 26' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 78 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 42,566 (2005) | ||||
Dlùths | 545.72/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas Girardota |
Eachdraidh
Chaidh am baile ris an canar Girardota an latha an-diugh a steidheachadh gu h-oifigeil leis a’ Cheann-suidhe Juan de Dios Aranzazu (1798 – 1845), ann an 1833 anns a' Ghleann Aburrá, ga sgaradh bho Bharbosa.[3] Bha Aranzazu fhathast na Riaghladair ann an Antioquia aig an àm. A bharrachd air Girardota, steidhich esan 5 bailtean eile ann an Antioquia: Campamento, Liborina, Entrerríos, Ebéjico agus Cocorná.[4] A tuilleadh air sin, thug e fearann mar thabhartas airson am baile Aranzazu ann an Caldas a stèidheachadh cuideachd.
Sluagh a' bhaile
Ged a tha 42,566 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 17,555 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. 'S e am baile leis an dlùths taobh àireimh-sluaigh as motha anns an dùthaich.
Taobh chinnidh, ' s e daoine afro-coloimbianch a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Girardota (is mòran dhuibh mestizos). Chan eil Tùsanaich ann idir, ach tha 73.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 91.7% dhe na daoine ann an Girardota leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 87.9% dhe na dachannan.[7]
Fèisean
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Girardota. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.
Ceanglaichean A-mach
Iomraidhean
- Mapa oifigeil na roinneTeamplaid:Fix/category
- Dùthchannan aig SMO
- Fiosrachadh a' ChomhairleTeamplaid:Fix/category
- Leabharlann Luis Angel Arango
- Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- Cololmbia Virtual
- Bileag fhiosrachaidh DANE
- Country Studies: Colombia