Girardot (Coloimbia)
'S e baile meadhanach ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th’ann an Girardot. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 289m os cionn ìre na mara agus 134km air falbh bho Bhogotá. 'S e baile le gnàth-shìde gu math teth a th' ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 33˚ aige, rè na bliadhna. 'S e Girardot an 50mh baile as motha na dùthcha.[3] Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1852.
Girardot
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Cundinamarca | ||||
Sgìre | Alto Magdalena | ||||
Àirde | 289m | ||||
Co-chomharran | 04° 18' 18' Tuath 74° 48' 06' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 129 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 97,834 (2005) | ||||
Dlùths | 758.4/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
Freumhan an Ainm
'S e La Chivatera an t-ainm a bha air an sgìre seo o shin, bhon fhacal Spàinntis Chivo (Gobhar).[4] Fhuair am baile an t-ainm Girardot ann an 1852 mar chuimhne air Anastasio Girardot, curaidh às A' Bheiniseala a bha an sàs ann an cogaidhean an aghaidh na Spàinne airson neo-eisimeileachd an Aimearaga-Laideannach.[5] Fhuair am baile Girardota ann an Antioquia ainm mar chuimhne airsan cuideachd.[6]
Sluagh a' bhaile
Tha 97,834 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 3,475 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[7] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Girardot, ach tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 38.8% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 92.5% dhe na daoine ann an Girardot leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 64.1% dhe na dachannan.[9]
Fèisean
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Girardot. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[10] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Iomraidhean
- Mapa na Roinne
- Dùthchannan aig SMO
- Bailtean as motha na dùthcha
- Real Diccionario de la Lengua
- Fiosrachadh a' ChomhairleTeamplaid:Fix/category
- Fiosrachadh Comhairle GhirardotaTeamplaid:Fix/category
- Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- Colombia Virtual
- Bileag fhiosrachaidh DANE
- Country Studies: Colombia