Gini Mheadhan-Chriosach

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann an Gini Mheadhan-Chriosach.[1] Ach tha ainm Gàidhlig eile oirre:

  • Guinea a’ Chrios Mheadhain[2]
  • Gini Mheadhan-chearcallach.[3][4]

Tha pàirt den dùthaich suidhichte air tìr mhòr Afraga, ach tha i a’ gabhail a-steach cuideachd na h-eileanan:

  • Bioko, far a bheil am prìomh-bhaile Malabo agus air an robh Fernando Poo.
  • Annobón.

Tha crìochan aice 'sa tuath le Camarun agus san earra-dheas le Gabon. Tha an Gulf of Guinea san iar na dùthcha. 'S e Gini Mheadhan-Chriosach an dùthaich as lugha a-rèir àireamh-shluaigh a tha ann an Afraga.

Eachdraidh

B' e Fernando Poo a' chiad Eòrpach a chunnaic Bioko ann an 1471. Ann an Cumhnant El Pardo ann an 1778 chaidh Bioko dhan Spàinn còmhla ri Bagh Bhiafra eadar na h-aibhnichean Niger agus Ogoue air ranntairean ann an Aimearaga a Deas a tha nam pàirtean de Bhraisil san latha an-diugh. Chaill an Spàinn a ranntairean air chosta Afraga seach Río Muni don Fhraing agus dh'aithnich Cumhnant Pharis ann an 1900 seo. Fhuair Gini Spàinnteach a cuid neo-eisimeileachd ann an 1968 mar Ghini Mheadhan-Chriosach agus Francisco Macías Nguema mar cheann-suidhe. Ghrèim Teodoro Obiang Nguema Mbasogo smachd ann an 1979 agus e càirdeach do Nguema. Chaidh ola lorg ann an 1996 ach mhair a' mhòr-chuid de dhaoine ann am bochdainn. Ann an 2016 ghluais an riaghaltas bho Mhalabo gu Djibloho.[5]

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  3. Dùthchannan aig SMO
  4. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  5. Equatorial Guinea country profile”, BBC News. 11mh dhen Ghiblean 2023. Air a thogail 10mh dhen t-Samhain 2023. 

Gailearaidh

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.