George W. Bush
Chaidh George W. Bush (rugadh 6 an t-Iuchar, 1946) a thaghadh mar ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte ann an 2000 agus bhuannaich e an dara thaghadh aige ann an 2004. 'S e Poblachdach a th' ann am Bush agus mus robh e na ceann-suidhe 's e Riaghladair Texas a bh' ann. S' ann bho Midland ann an Texas a bhuineas e agus tha tuathanas aige ann an Crawford faisg air Waco. 'S e ceann-suidhe a bh' ann an athair, George H. W. Bush, cuideachd a sheas eadar 1988 agus 1992.
George W. Bush | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
17 dhen Fhaoilleach 1995 - 21 dhen Dùbhlachd 2000 ← Ann Richards (en) - Rick Perry →
12 dhen Dùbhlachd 2000 - 20 dhen Fhaoilleach 2001 ← Bill Clinton - Barack Obama → Taghadh: 2000 United States presidential election (en)
20 dhen Fhaoilleach 2001 - 20 dhen Fhaoilleach 2009 ← Bill Clinton - Barack Obama → Taghadh: 2000 United States presidential election (en) , 2004 United States presidential election (en) | |||||||
Beatha | |||||||
Ainm slàn | George Walker Bush | ||||||
Breith | New Haven, 6 dhen Iuchar 1946 | ||||||
Dùthaich | Na Stàitean Aonaichte | ||||||
Àite-fuirich | Dallas | ||||||
Ciad chànan | Beurla Aimeireaganach | ||||||
Teaghlach | |||||||
Athair | George H. W. Bush | ||||||
Màthair | Barbara Bush | ||||||
Cèile | Laura Bush (en) (5 dhen t-Samhain 1977 - | ||||||
Clann |
liosta
| ||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||||
Fine | teaghlach Bush | ||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam |
Oilthigh Yale St. Anthony Catholic School (en) Davenport College (en) The Kinkaid School (en) (1959 - 1961) Acadamh Phillips (1961 - 1964) Colaiste Yale (1964 - 1968) Baidealair nan Ealan : eachdraidh saidheans Harvard Business School (en) (1973 - 1975) Master of Business Administration (en) | ||||||
Cànain |
Beurla Spàinntis | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, òraidiche bhrosnachail, fèin-bheatha-eachdraiche, peantair, cluicheadair rugby nan 15, oifigear, stàitire, neach-gnìomhachais agus financier (en) | ||||||
Teamplaid:Bogsa eachdraidh-bheatha/spòrs/rugbaidh | |||||||
Com-pàirtiche
| |||||||
Àirde | 183 centimetre | ||||||
Àitichean-obrach | Austin agus Washington | ||||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||||
Ballrachd | American Legion (en) | ||||||
Seirbheis san arm | |||||||
Meur an airm |
Feachdan Adhar nan Stàitean Aonaichte National Guard (en) | ||||||
Ìre |
first lieutenant (en) senior lieutenant (en) | ||||||
Strì |
Iraq War (en) War in Afghanistan (en) Insurgency in the Maghreb (2002–) (en) War in Somalia (2006–2009) (en) Moro conflict (en) insurgency in Khyber Pakhtunkhwa (en) | ||||||
Creideamh | |||||||
Creideamh |
An Eaglais Mheathodach Aonaichte Eaglais Easbaigeach nan Stàitean Aonaichte Meathodachd | ||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Am Pàrtaidh Poblachdach | ||||||
IMDb | nm0124133 | ||||||
georgewbush.com | |||||||
Tha George Bush pòsta ri Laura agus tha dà nighean aca a tha nan caignich; Jenna agus Barbara. Chaidh a' bhreith ann an Connecticut agus a dh'fhoghlam mar oileanach aig Oilthigh Yale, oilthigh ainmeil aig a tha deagh-chliù. Gidheadh, cha do ghabh e deagh-chomharran.[1]
'S e pìleat a bh' ann aig àm Chogadh Bhiet-Nam ach cha do ghabh è pàirt ann. Ann an 1972, chuir feachd an adhair à rèim Bush oir nach do dh'fhreasgair e deuchainn riantanach.[2]
Anns an taghadh airson ceann-suidhe na Stàitean Aonaichte an 2000 bha torr trioblaid aca ann am Florida le no bhòtaichean agus cha robh moran cinnteach co a bha air buannachadh agus cha deach aonadh a ruighean air co a bh' ann airson coir is mìos agus feum aig an Àrd Chùirt sùil a thoirt air cùisean agus taghadh co a bha air buannachadh. Thagh iad stad a chuir air na conntaidhean agus na ath-chunntaidhean agus dh'fhoillsich iad gur è Bush a bha air buaidh fhaighinn agus a bhiodh na Cheann-suidhe. Chaidh pìos mhòr den sluagh ann an Ameireaga an aghaidh an seo agus bha torr feargach mu dheidhinn.
Sheas Bush a-rithist anns an taghadh airson ceann-suidhe ann an 2004, le John Kerry an seanaiche bho Massachusetts a seasamh na aghaidh airson am Pàrtaidh Deamocratach agus bhuannaich è airson an dara àm .
An dèidh na ionnsaighean sgeimhleadh a thachair air an 11 den t-Sultain, ris an canar 9/11, dh'òrdaich Bush ionnsaigh air Afghanistan agus ann an 2003 Ioràc. Chaidh gach dùthaich a chuir fo cheannsail agus greim fhaighinn air prìomhaire na h-Ioràc, Saddam Hussein agus e a-nis air dheuchainn aig cùirt airson droch-gnìomhan aige nuair a bha è an cumhachd. Tha taghaidhean saor aca ann an Ioràc a-nis airson a chiad turas ach tha torr bhlàr is trioblaid a dol fhathast agus feagal ann gum toisich cogadh agus aramach san dùthaich.
Bha a' chuid mhòr den t-saoghal an aghaidh an cogadh ann an Ioràc agus iad a smaoineachadh gur è mearachd a bh' annta gus gun robh e cearr agus fiù olc a dhol a steach don dùthaich mar a chaidh. Tha feadhainn eile, gu h-àraidh luchd leanmhainn Bush, a smaoineachadh gu bheil na cogaidhean an Afghanistan agus Ioràc, mar pàirt den "War on Terrorism" a dh'fhoillsich Bush an dèidh 9/11, eiseal airson na Stàitean Aonaichte, agus an t-saoghal gu mòr, a chumail saor agus sàbhailte. 'S e aon de na rudan a tha Bush agus Aimeireaga a feuchainn ri dhèanamh le na cogaidhean deamocrasaidh a leasachadh anns na sgìrean, gu h-àraidh an Ear Mheadhanach.
Iomraidhean
- “Kerry Grades Near Bush's While at Yale”. Ann an: The New York Times, 8mh dhen Ògmhios 2005. Air a thasglannadh [o http://www.nytimes.com/2005/06/08/politics/08kerry.html?_r=4&oref=slogin&oref=slogin&oref=slogin&oref=slogin] 6mh dhen Chèitean 2009. Air a thogail 24mh dhen Mhàrt 2012.
- Rutenberg, Jim (May 17, 2004). Rutenberg, Jim: “A Film to Polarize Along Party Lines”. Ann an: The New York Times, 17mh dhen Chèitean 2004. Air a thasglannadh [o http://www.nytimes.com/2004/05/17/movies/a-film-to-polarize-along-party-lines.html?pagewanted=all&src=pm] 30mh dhen Fhaoilleach 2013.