Gent
‘S e baile uabhasach mòr ann an ceann a tuath na Beilge a th’ ann an Gent (IPA: ʝɛnt, Eadailtis/Fraingis: Gand, Beurla: Ghent, Spàinntis: Gante, Pòlais: Gandawa). Tha e suidhichte ri taobh na h-aibhnichean Lys agus Scheldt, anns an roinn Vlaanderen, 50km air falbh bhon Bhruiseal, 52km bho Antwerpen agus 66km bho Lille.[1] Tha an t-oilthigh uabhasach ainmeil le mu 32,000 oileanach na luib.[2] Tha 235,143 duine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e an treas baile as motha na dùthcha.[3] 'S e Duitsis an cànan a th' aig a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Gent.
Gent
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Bheilg | ||||
Ceàrn | Oost Vlaanderen | ||||
Sgìre | Vlaanderen | ||||
Co-chomharran | 51° 03' Tuath 03° 44′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 156.18 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 235,143 (2007) | ||||
Dlùths | 1,505.59/km² | ||||
Àireamh fòn | 09 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.gent.be |
Daoine ainmeil
- Carlos V na Spàinne: (1500 – 1558).
- Jan van Eyck: (mu 1385 – 1441) Dealbhadair.
- Maurice Maeterlinck: (1862 – 1949) Sgrìobhadair a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1911.
Iomraidhean
- Distance Calculator
- Oilthigh Gent
- “Bailtean as motha na cruinne”. Air a thasglannadh [o http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&des=wg&srt=pnan&col=adhoq&msz=1500&geo=-30] 30mh dhen Ògmhios 2013.
Ceanglaichean a-mach
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.