Genova
‘S e baile mòr agus port[1] cudromach air an àirde an iar-thuath na h-Eadailt a th’ ann an Genova (IPA: 'dʒɛːnova, Beurla: Genoa, Fraingis: Gênes, Gearmailtis/Laideann: Genua). Tha e suidhichte aig 20m os cionn ìre na mara, ri taobh na Mara Mheadhanach anns an sgìre (Eadailtis: Provincia) Genova fhèin, anns an roinn (Eadailtis: Regione) Liguria, faisg air na crìochan leis An Fhraing, 400km air falbh bhon An Ròimh, prìomh-bhaile na dùthcha, 118km bho Mhilano agus 197km bho Fhirenze.[2] Tha 610,766 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[3] an 6mh baile as motha na dùthcha.[4]
Genova
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Eadailt | ||||
Ceàrn | Genova | ||||
Sgìre | Liguria | ||||
Co-chomharran | 44° 24’ 44 Tuath 08° 55′ 58 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 243.60 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 610,766 (2009) | ||||
Dlùths | 2,507.25/km² | ||||
Àireamh fòn | 010 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.comune.genova.it/ |
Eachdraidh
B' ann à Genova a bha athair Léon Gambetta, neach-poileataigs poblachdach às An Fhraing, a rinn sgaradh eadar an stàit agus an eaglais.[5]
Daoine Ainmeil
- Giacomo della Chiesa (1854 - 1922). Pàp bho 1914 gu 1922.
- Eugenio Montale (1896 – 1981): bàrd a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1975.
- Niccolò Paganini (1782 - 1840): Ceòladair.
Iomraidhean
- Autorità Portuale di Genova
- Distance Calculator
- Cunntas Sluaigh na h-Eadailt
- Bailtean na CruinneTeamplaid:Fix/category
- Jacqueline Lalouette, L'anticléricalisme, in L'histoire religieuse en France et en Espagne, Collection de la Casa de Velázquez, 2004.
- SisterCities
- SisterCities
- Annuaire de France
Ceanglaichean a-mach
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.