Gealan beinne
'S e eun beag a th' ann an Gealan beinne[3][2] (iol. gealain bheinne) (Laideann:Carduelis flavirostris;Beurla:twite, mountain linnet)
Gealan beinne (Larus marinus) | |
![]() | |
Gealan beinne sa gheamhradh ann an Sealltainn | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Animalia |
Fìleam | Chordata |
Clas | Aves |
Òrdugh | Passeriformes |
Teaghlach | Fringillidae |
Gèineas | Carduelis |
Spèiseas | C. flavirostris |
Riabhag mhonaidh | |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Carduelis flavirostris (Linnaeus, 1758) | |
Ainmean eile | |
Fringilla flavirostris Linnaeus, 1758 Linaria flavirostris | |
Briathran Gàidhlig eile | |
Gealan-beinne[1] riabhag-mhonaidh[2] | |
'S ann air a ' mhòintich a chithear e an còmhnaidh. 'S e eun cumanta a th' ann nach eil ann an cunnart. Thathas a' creidsinn gu bheil 170,000-760,000 càraidean ann air feadh an t-saoghail.[4]
Dreach
![](../I/Carduelis_flavirostris_2.jpg.webp)
Tha an t-eun mu 13 gu 13.5 cm a dh'fhaide. Tha mullach a chinn donn le strìocadh nas doirche, tha a sgiathan soilleir agus dorch-dhonn. As t-samhradh tha an gob liath ach anns a' gheamhradh tha e buidhe.[3]
Tha a bhroilleach agus a bhrù soilleir-donn le breacadh dorch. Tha a chasan dorch-dhonn. Tha a dhruim soilleir-dhonn le breacadh dorch-dhonn is dubh ach tha bun earbaill a choillich pinc.[3]
Chan eil a cheann no a bhroilleach cho dearg ri ceann a' ghealain lìn no an deargain-sheilich.
Biadh
Sìol, cuileagan, daolagan.[3]
Dachaighean
Tha an gealan beinne na thàmh ann an iomadh dùthaich san Roinn Eòrpa agus thairis air meadhan Àisia:[4]
Afganastan; Airmeinia; Azerbaijan; Bealarus; A' Bheilg; Bulgàiria; Casagstan; An Danmhairg; An Eadailt; Eastòinia; Èireann; na h-Eileanan Fàro; An Fhraing; Georgia; A' Ghearmailt; Iran; Iraq; Kyrgyzstan; Latbhia; Liotuàinia ; Mongòilia; Neapal; Nirribhidh; An Ostair; Poblachd nan Seiceach; A' Phòlainn; Rìoghachd Aonaichte; Romàinia; An Ruis; Sìona; An t-Slòbhac; An Spàinn; An t-Suain; Suòmaidh; Tajikistan; na Tìrean Ìsle; An Tuirc; Tuircmeanastan; An Ucràin; An Ungair; Usbeagastan
Bidh e cuideachd a' tadhal air:
An Eilbheis; Poblachd na Cròthaise; Montenegro; A' Phortagail; Serbia; Sloibhìnia
Iomraidhean
- Dwelly, Edward (1911), Faclair Gàidhlig gu Beurla le Dealbhan/Dwelly's Illustrated Gaelic to English Dictionary 1988, Glaschu: Gairn Publications, ISBN 978-0901771926, ISBN 901771929
- Bauer, Mìcheal. "Am Faclair Beag" gealan-beinne
- Breeze Jones, E. V. 1986. Eòin an Àite Gàidhlig le Rennie, Frang U. (Stèornabhagh: Acair) d.32
- Fios aig IUCN. Leughte 15 Giblean 2015.
Ceanglaichean a-muigh
- Fios aig IUCN (en)