Garðabær

'S e baile air an àirde an iar-dheas Innis Tìle a th' ann an Garðabær (IPA: ˈkarðapair̥). Tha e suidhichte faisg air Reykjavík, aig 42m os cionn ìre na mara,[1] san roinn Höfuðborgarsvæðið (Roinn a' Phrìomh-bhaile), ri taobh an leth-eilean Bessastaðanes, 55km air falbh bho Selfoss agus 637km bho Egilsstaðir.[2] Tha 16,299 duine a’ fuireach sa bhaile.[3] 'S e an còigeamh baile as motha na dùthcha an dèidh Reykjavík, Kópavogur, Hafnarfjörður agus Akureyri 's a th' ann an Garðabær. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Suðvesturkjördæmi.[4]

Garðabær
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Innis Tìle
Sgìre Höfuðborgarsvæðið
Co-chomharran 64° 5' 2 Tuath
21° 55' 3 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 76 km²
Àireamh-shluaigh 16,299 (2019)
Dlùths 214.46/km²
Àireamh fòn + 354
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Eachdraidh

Chaidh dà thuathanas san sgìre clàraichte san Landnámabók, Vífilsstaðir agus Skúlastaðir.[5] Thug spùinneadairean às Chosta Bharabarach ionnsaigh air an sgìre ann an 1688 ach dhìon gunnaichean mòra am baile. B' e gu robh na spùinneadairean a' feuchainn ris na daoine a thoirt am brùid is gan reic mar tràillean thall thairis. Tha Àros a' Chinn-suidhe, a chaidh a thogail ann an 1766 agis ris an canar Bessastaðir, suidhichte ann an Garðabær.[6] Cha robh ach mu 1,000 duine a' fuireach ann an Garðabær aig toiseach na 60an. B' ann an dèidh a' Chogaidh, nuair a dh'fhàg na daoine am fearann airson nam bailtean a thoisich Garðabær ri fhàs, gu seachd-àraidh leis cho faisg air Reykjavík 's a tha e. 'S ann ann an Garðabær 's a tha Bjarni Benediktsson, a bha na Phrìomh-mhinistear Innis Tìle ann an 2017,[7] a' fuireach ann. A bharrachd air sin, thogadh Guðni Thorlacius Jóhannesson - ceann-suidhe Innise Tìle an seo.[8]

Freumh-fhaclachd

Tha an t-ainm a' ciallachadh Baile a' Ghàrraidh sa chànan aca, bho Garð (Gàrradh) agus Bær (baile).

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

  • Asker
  • Birkerød
  • Eslöv
  • Jakobstad
  • Rudersdal
  • Tórshavn

Iomraidhean

  1. Falling Rain
  2. Distance Calculator
  3. Hagstofa Íslands
  4. Alþingi
  5. Snerpa
  6. Forseti
  7. DV
  8. Harvard University
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.