Gaillimh
'S e baile mòr (Gaeilge: Cathair na Gaillimhe) agus port cudromach air an àirde an iar Chontae na Gaillimhe, sa Chúige Chonnacht, Èirinn a th'ann an Gaillimh neo Cathair na Gaillimhe.[1] A bharrachd air sin ‘s e am baile as motha agus prìomh-bhaile na roinne a th’ann cuideachd. Tha Gaillimh suidhichte 157km air falbh bho Chorcaigh, 223km bho Dhoire agus 186km bho Bhaile Átha Cliath, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1124 leis an Rìgh Toirdhealbhach Mór Ó Conchobhair (Seann Ghàidhlig: Tairrdelbach Ua Conchobair) air Inbhir Abhainn na Gaillimhe,[3] faisg air Loch Coirib,[4] fon ainm Dún Bhun na Gaillimhe. ‘S e an treas baile as motha na Poblachd[5] agus an ceithreamh baile as motha na h-Èireann air fad a th’ann an Gaillimh co-dhiù. Fhuair am baile am far-ainm aige, Baile nan Treubh (Gaeilge: Cathair na dTreabh), ri linn nan Normanach o chionns gum beireadh 14 teaghlach malartach buaidh làidir air Gaillimh fad iomadh linn gus a lagaich Oliver Cromwell an cuid chumhachd.[6]
Gaillimh
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Èirinn | ||||
Ceàrn | Cúige Chonnacht | ||||
Sgìre | Contae na Gaillimhe | ||||
Co-chomharran | 53° 16 00' Tuath 00° 03 00' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Àireamh-shluaigh | 79,934 (2016) | ||||
Àireamh fòn | + 353 091 | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle na Cathrach |