Funza
'S e fear dhe na 116 bailtean ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia. Tha e suidhichte anns an sgìre Sabana Occidente aig 24km bho Bhogotá. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1600.
Funza
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
[[Faidhle: {{{DEALBH}}}|300px]] | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Cundinamarca | ||||
Àirde | 2548m | ||||
Co-chomharran | 4° 43' 0 Tuath 74° 13' 00 Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 70 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 61,380 (2005) | ||||
Dlùths | 876.86/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle Fhunza |
Tha am facal Funza a’ ciallachadh fireannach neartmhor is 's e facal Tùsanach a th' ann. Tha am baile am broinn a’ Cheàrn chathaireil Bhogotá, a-rèir a’ chunntas-sluaigh 2005. 'S e Funza an 68mh baile as motha na dùthcha.[2]
Sluagh a' bhaile
Ged a tha 61,380 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 4,270 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. 'S e am baile leis an dlùths taobh àireimh-sluaigh as motha anns an dùthaich.
Taobh chinnidh, 's e daoine geala a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Funza (is mòran dhuibh mestizos), tha 0.2% dhe Tùsanaich agus tha 0.7% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 95% dhe na daoine ann an Funza leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 64.2% dhe na dachannan.[5]
Fèisean
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Funza. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis na Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Daoine Ainmeil
Chaochail Diego Lemos an seo ann an 1908
Turasachd
- Obair-ciùird: Clò ann an olann ùr agus crochet, slapagan cruthaichte air seann bhòtannan agus rudan glainne.
- Seipeil an Naoimh Mhàrtainn
- Talla a' Chultair
- Àros Catama
- Àros Ramada
- Boglaichean Gualí
- Taigh-tasgaidh a’ Pharraist
Ciamar a ruigeas tu
- Bho Bhogotá: Aig stèisean 80 an TransMilenio, thoir am bus dùthchasail. Tha busaichean dùthchasail eile rim faotainn ann an Avenida Centenario aig Avenida de Las Américas cuideachd.
- Bho Bhogotá tro Fhontibón: Thoir am bus ann an Avenida Centenario aig Avenida Boyacá.