Fuendetodos
'S e baile uabhasach fhèin beag faisg air Zaragoza ann an Aragón (An Spàinn) a th' ann am Fuendetodos. Tha e suidhichte air an àirde an ear-thuath na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Val de Santa María, 750m os cionn ìre na mara, anns an roinn Zaragoza, dìreach 19km air falbh bho Bhelchite. 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo. 'S e turasachd agus àiteachas a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol. Chan eil ach 145 duine a' fuireach ann.[1]
Fuendetodos | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | An Spàinn |
Ceàrn | Zaragoza |
Sgìre | Aragón |
Co-chomharran | 41° 20' 36 Tuath 00° 57' 31 Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 62.2 km² |
Àireamh-shluaigh | 145 (2020) |
Dlùths | 2.33/km² |
Àireamh fòn | + 34 976 |
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
Freumahn an Ainm
Tha a h-uile coltas ann gur ann às na faclan Spàinntis fuen (Gàidhlig: tobar) agus todo (Gàidhlig: uile) 's a tha an t-ainm. Ghabhadh sin Tobar nan Uile dhuinn sa Ghàidhlig.
Eachdraidh
Chaidh Fuendetodos stèidheachadh anns an 12mh Linn, agus a chuid cuaraidhean gu math cudromnach. Thug Cogadh Sìobhalta na Spàinne droch bhuaidh air a' bhaile.
Àireamh-sluaigh
Mar iomadh sgìre dhùthaich a-staigh san tìr anns an Spàinn, tha dì-dhaoineachadh na thriobaid ann am Fuendetodos.
Bliadhna | 1960 | 1970 | 1981 | 1991 | 2001 | 2007 | 2020 |
Muinntir | 389 | 234 | 166 | 146 | 176 | 179 | 145 |
Daoine Ainmeil
- Francisco Goya (1746 - 1828): Peantair.[2]