Freetown
'S e prìomh-bhaile Siarra Leòmhann a tha ann an Freetown. Tha e suidhichte ann an ceàrn an iar na dùthcha aig a' Chuan Siar. 'S e teas meadhan malairteach agus poileataigeach a tha anns a’ bhaile. Tha an treasamh port-mara nadarra as motha air feadh an t-Saoghail aig Freetown. 'S e an Lungi International Airport am port-adhair eadar-nàiseanta a tha ann an Siarra Leòmhann. Tha e na laighe faisg air baile. Tha Freetown 361km air falbh bho Mhonrovia (Libèiria), 125km bho Chonakry (Gini), 459km bho Bhissau (Gini-Bissau) agus 735km bho Bhamako (Màili).[1] Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, aig 77m os cionn ìre na mara.[2]
Freetown
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Siarra Leòmhann | ||||
Ceàrn | Western Area | ||||
Co-chomharran | 8° 30’ Tuath 13° 7’ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 357 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 772,873 (2004) | ||||
Dlùths | 2,164.91/km² | ||||
Àireamh fòn | (+232) (0)22 |
Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1787 le traillean saora agus le Black American Loyalist às a’ Bhreatainn. Cheannaich iad an talamh bhon Rìgh Tom, ceannard den cinneadh tùsail Koya Temne. Ach chaidh a’ chiad tuineachadh a losgadh anns a’ bhliadhan 1789[3]. 'Sa bhliadhna 1792 thòisich an Sierra Leone Company à Lunnainn air am baile a thogal a-rithist. Còmhla riutha bha traillean saora 's daoine à Iaimeuca ‘s à Alba Nuadh.
Bailtean Co-cheangailte
- Banjul
- Conakry
- Gangzhou
- Hartford (Connecticut)
- Hefei
- Kansas City (Missouri)[4]
- Kingston upon Hull
- Makeni
- New Haven (Connecticut)[5]
Dealbhan
- Suidheachadh a' bhaile ann an Siarra Leòmhann.
- Sealladh air Freetown
Ceanglaichean A-mach
Iomraidhean
- Distance Calculator
- Mongabay
- Shaw, Rosalind, Memories of the Slave Trade: Ritual and the Historical Imagination in Sierra Leone. (2002) University of Chicago Press, Duilleag 37
- Sister Cities International
- Sister Cities International
Abuja • Accra • Addis Ababa • Algiers • Antananarivo • Asmara • Bamako • Bangui • Banjul • Bissau • Brazzaville • Bujumbura • Cairo • Conakry • Cotonou • Djibouti • Dakar • Diuba • Dodoma • El Aaiún • Freetown • Gaborone • Harare • Kampala • Khartoum • Kigali • Kinshasa • Libreville • Lilongwe • Lomé • Luanda • Lusaka • Malabo • Maputo • Maseru • Mbabane • Mogadishu • Monrovia • Moroni • Nairobi • N'Djamena • Niamey • Nouakchott • Ouagadougou • • Port Louis • Porto Novo • Praia • Pretoria • Rabat • São Tomé • Tripoli • Tunis • Victoria • Windhoek • Yamoussoukro • Yaoundé