Freeman Dyson
B' e fiosaigiche à Sasainn a bha ann am Freeman Dyson.
Freeman Dyson | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Ainm slàn | Freeman John Dyson |
Breith | Crowthorne, 15 dhen Dùbhlachd 1923 |
Dùthaich |
![]() ![]() |
Àite-fuirich | Na Stàitean Aonaichte |
Bàs |
Princeton (en) ![]() |
Nàdar a’ bhàis |
(falling from height (en) ![]() |
Teaghlach | |
Athair | George Dyson |
Màthair | Mildred Atkey |
Cèile |
Verena Huber-Dyson (en) ![]() |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Chambridge 1946) Colaiste Winchester (1928 - 1932) Twyford School (en) ![]() (1932 - 1936) Colaiste Winchester (1936 - 1941) Colaiste na Trianaide (1941 - 1945) |
Àrd-fhoghlam | ceum dotaireachd |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | matamataigear, fiosaigiche teòirigeach, fiosaigiche niùclasach, ollamh, neach-stadastaireachd agus fiosaigiche |
Fastaichean |
Colaiste Impireil Lunnainn (1945 - 1946) Oilthigh Bhirmingham (1949 - 1951) Oilthigh Cornell (1951 - 1953) Institute for Advanced Study (en) ![]() |
Obraichean comharraichte |
Dyson sphere (en) ![]() Disturbing the Universe (en) ![]() Infinite in All Directions (en) ![]() Dyson conjecture (en) ![]() Dyson tree (en) ![]() Dyson's eternal intelligence (en) ![]() Dyson's transform (en) ![]() Dyson series (en) ![]() Dyson equation (en) ![]() Crank conjecture (en) ![]() Schwinger–Dyson equation (en) ![]() The Sun, the Genome and the Internet (en) ![]() The Scientist as Rebel (en) ![]() |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
|
Buaidh | Richard Feynman |
Ballrachd |
An Comann Rìoghail Acadamh Fhrangach nan Saidheansan Acadamh nan Lincei Acadamh Nàiseanta nan Saidheans Acadamh Bhavarianach nan Saidheansan is Daonnachdan Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan Comann Aimeireaganach na Feallsanachd Comann Aimeireaganach an Eòlais-fhiosaig |
IMDb | nm0246032 |
ias.edu… |
Bha e ainmeil airson na h-obrach aige còmhla ri Hans Bethe agus Richard Feynman air eileagtro-dinimigeachd, agus airson an co-chruinnean Dyson, bun-bheachd airson sìobhaltasan glè adhartach as urrainn dhaibh a h-uile solas a tha dol à rionnag a ghlac is fèill mhòr orra ann am ficsean saidheansail. Bha uidh mòr cuideachd aige ann an creideamh agus thug e an Òraid Gifford ann an 1985.[1]
Rugadh e ann an Crowthorne 15 an Dùbhlachd 1923 is b' e an co-ghleusaiche George Dyson a bha ann an athair. Bha e na sgoilear aig Colaiste Winchester aig an aon àm ri Christopher Longuet-Higgins, a bhràthair Michael Longuet-Higgins agus James Lighthill.[2] Chaidh e gu Oilthigh Chambridge nuair nach robh e ach 17 bliadhna a dh'aois ach bhris an cogadh agus obair le Feachd Rìoghail an Adhair a-steach air a fhoghlam ann am matamataig. Mhair e aig Oilthigh Chambridge gu ruige 1947 nuair a chaidh e gu Oilthigh Cornell agus an sin dh'obair e aig an Institute for Advanced Study ann am Princeton, Jersey Nuadh fad a bheatha seach dà bhliadhna aig Oilthigh Bhirmingham. Cha do chuir e crìoch air a thràchdas. Ann am Princeton dh'obair e air eileagtro-dinimigeachd agus pròiseactan eile mar Pròiseact an t-Sealgair, plana airson luing-fhànais a chleachdadh cumhachd bho bhomaichean niùclasach. Bha e cuideachd an sàs ann an sgrìobhadh leabhraichean saidheansail airson a' mhòr-shluaigh.[3]
Iomraidhean
- “1985 Lecturer Freeman J. Dyson Passes Away at 96”, The Gifford Lectures. 2na dhen Mhàrt 2020. Air a thogail 4mh dhen Mhàrt 2020.
- Gregory, Richard L. ⁊ Murrell, John N. (1d dhen Dùbhlachd 2006): “Hugh Christopher Longuet–Higgins. 11 April 1923 — 27 March 2004,” ann an: Biogr. Mems. Fell. R. Soc., leabhar 52, td. 149–166. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2020.
- Johnson, Hamish: “Freeman Dyson: unorthodox to the end”, Physics World. 27mh dhen Mhàrt 2020. Air a thogail 5mh dhen Iuchar 2020.