Florencia (baile)

' S e baile beag ann an Caquetá, Coloimbia,[1] a th' ann Florencia. Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, 517km air falbh bho Bhogotá.[2] faisg air na coilltean-uisge anns an Amazon. Tha àirde meadhanach dhe 242m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th’ann le teodhachd meadhanach dhe 24.8˚ rè na bliadhna. 'S e Florencia an 35mh baile as motha na dùthcha.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh air 25 an Dùbhlachd 1902.[4]

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 163,323 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 21,519 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Florencia (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th' ann an 0.8% agus tha 3.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 85.1% dhe na daoine ann an Florencia leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 44.9% dhe na dachannan.[7]

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Florencia. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Invias
  3. Bailtean as motha na dùthcha
  4. Colombia SA
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Cololmbia Virtual
  7. Bileag fhiosrachaidh DANE
  8. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.