Flokkur Fólksins

'S e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bhios a' gabhail ri poilitigs na làimhe chì 's a th' ann am Flokkur Fólksins (Gàidhlig: Pàrtaidh nan Daoine). Cha deach a stèidheachadh ach air 27 am Faoilleach 2016.[1] Bha ceathrar riochdairean aige san Alþingi (pàrlamaid), dithis bhoireannaich agus dithis fhireannaich,[2] ach chuireadh dithis dhuibh a-mach às a' phàrtaidh. B' e gu robh an dithis siud a' gabhail ri gnèitheachas agus chualas na beachdan sin ann am bàr air a bheil Klaustur Bar, far an robh iad ag òl deoch làidir le buill-pàrlamaid à Miðflokkurinn.[3] Tha am bàr sin suidhichte air beulaibh an Alþingi. 'S e Flokkur Fólksins agus Viðreisn a th' ann na fòrsaichean poileataigeach as lùgha san Alþingi. Chan eil Flokkur Fólksins san riaghaltas a-nis. 'S e pàrtaidh a tha gu làidir an aghaidh an Aonaidh Eòrpaich agus bochdainn, ach mar as àbhaist bithear ag iomairt airson nan daoine aosda agus ciorramaich.

Flokkur Fólksins
Fiosrachadh
Stèidheachadh 27 am Faoilleach 2016
Luchd-stèidheachaidh Inga Sæland
Àite-Stèidheachaidh Kópavogur
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Sòisealachd
Oifisean Hamraborg 10, 200 Kópavogur
Cathraiche Inga Sæland
Suidheachain 4/63
Riaghaltas Luchd-dùbhlain

Taghaidhean dhan Alþingi

Bha Flokkur Fólksins na bu shoirbheachaile ann an 2017 na ann an 2016, leis nach d' fhuair iad idir seat neo seat sa chiad dol a-mach[4]

Bliadhna Bhòtaichean % Seataichean
2016 6,707 3.54 0
2017 13,502 6.88 4

Ceanglaichean a-muigh

Iomraidhean

  1. Alþingi
  2. Parties and Elections
  3. DV ĺsland
  4. Stjórnarrað ĺslands
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.