Fergie Dòmhnallach
'S e Neach-ciùil Gàidhealach à Mùideart a tha ann am Fergie Dòmhnallach. Tha e na chluicheadair bogsa-phutan agus tha e air a bhith na cheannard chòmhlan-ciùil chèilidh mhìorbhaileach o chionn còrr is 40 bliadhna. Tha Gàidhlig aige.[1] Chuir e còmhlan ri chèile airson a' chiad uair ann an 1953. Nochd e air rèidio a' BhBC agus air telebhisean ann an 1964.[1] Gu ruige seo, tha e air corr is 32 clàran a chlàradh.[1] Tha e a' cluich gu cunbhalach air BBC Alba agus ' s e fhèin a bh' anns a chiad duine a chraolaich fìor cheòl cèilidh air a' BhBC. Tha e na ostair aig an Taigh-òsta Chlann Raghnaill ann am Mùideart, far a bheil ho-ro-gheallaidh is craic ri fhaighinn a h-uile deireadh-seachdain. Chaidh a sgeulachd-beatha Fergie fhoillseachadh ann an 2003 agus chaidh prògram a chraoladh mu a dheidhinn air Oidhche Challain an aon bhliadhna.
Fergie Dòmhnallach | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Glaschu, 1938 |
Dùthaich | Alba |
Foghlam | |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-ciùil, leasaiche-cuirp agus òstair |
Inneal-ciùil | bogsa-ciùil |
Eachdraidh a Bheatha
Rugadh e ann an Glaschu agus thogadh e ann am Mùideart.[2] Chaidh Fergie dhan bun-sgoil Mhìogharraidh agus Àrd-sgoil a' Ghearasdain.[1] Chaidh e an uair sin dhan airm. Nuair a dh'fhàg e an t-airm fhuair e teisteanas mar leasaiche-cuirp ann an Glaschu.[1] Fhuair e MBE ann an 2021.
Iomraidhean
- “Fergie MacDonald”. Air a thogail 15mh dhen t-Samhain 2022.
- “Fergie Dòmhnallach”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 5mh dhen t-Samhain 2022.
Ceanglaichean a-muigh
- Làrach-lìn oifigeil
- Fergie MacDonald Band - Bhidio bho 'Air an Ùrlar', BBC Alba 2012
- Tiugainn a Dhannsa' - rèidio: Ailean Caimbeul a' bruidhinn ri Fergie Dòmhnallach, Radio nan Gaidheal 18 Giblean 2013
- BBC Naidheachdan 2016-01-18: 60 bliadhna de chòmhlan-ciùil Fergie (agallamh claisneach còmhla ri Fergie, 5:41)
- BBC Naidheachdan 2020-12-31: Urraman do Ghàidheil air a' Bhliadhna Ùir