Eugene Wigner

B' e fiosaigiche às an Ungair a bha ann an Eugene Wigner. Bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1963 còmhla ri Maria Goeppert-Mayer agus J. Hans D. Jensen airson obrach air an niùclas atamach.[1]

Eugene Wigner
Beatha
Breith Budapest, 17 dhen t-Samhain 1902
Dùthaich  An Ungair
 Na Stàitean Aonaichte
Cinneadh Iùdhaich
Ciad chànan Ungairis
Bàs Princeton (en) Translate, 1 dhen Fhaoilleach 1995
Àite-adhlacaidh Princeton Cemetery (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (am fiabhras-clèibhe)
Teaghlach
Cèile Amelia Frank (en) Translate
Mary Annette Wheeler (en) Translate
Eileen Clare-Patton Hamilton (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Foghlam
Foghlam Fasori Gimnázium (en) Translate 1919)
Oilthigh Teicnigeach Berlin
(1920 - 1925)
Teusas '
Stiùiriche an teusais Michael Polanyi (en) Translate
Oileanaich dotaireachd John Bardeen (en) Translate
Victor Weisskopf (en) Translate
Marcos Moshinsky (en) Translate
Abner Shimony (en) Translate
Fred Tappert (en) Translate
William Tout Sharp (en) Translate
Ralph Zvi Roskies (en) Translate
Theodore Duddell Newton (en) Translate
Francis Joseph Narcowich (en) Translate
Rajmund Lewis Somorjai (en) Translate
Leonard Eisenbud (en) Translate
George Abraham Snow (en) Translate
Conyers Herring (en) Translate
Joseph O. Hirschfelder (en) Translate
Edwin Thompson Jaynes (en) Translate
Frederick Seitz (en) Translate
Cànain Beurla
Ungairis
Luchd-teagaisg László Rátz (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd matamataigear, fiosaigiche, neach-teagaisg oilthigh, fiosaigiche teòirigeach agus fiosaigiche niùclasach
Fastaichean Oilthigh Göttingen  (1927 -  1928)
Oilthigh Teicnigeach Berlin  (1928 -  1933)
Oilthigh Princeton  (1930 -  1936)
Oilthigh Wisconsin–Madison  (1936 -  1938)
Oilthigh Princeton  (1938 -  1942)
Manhattan Project (en) Translate  (1942 -  1945)
Oak Ridge National Laboratory (en) Translate  (1945 -  1946)
Oilthigh Princeton  (1946 -  1971)
Oilthigh Leiden  (8 dhen Lùnastal 1956 -  3 dhen Dùbhlachd 1957)
Obraichean comharraichte The Unreasonable Effectiveness of Mathematics in the Natural Sciences (en) Translate
Wigner's theorem (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd An Comann Rìoghail
Acadamh Ungaireach nan Saidheansan
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Comann Aimeireaganach na Feallsanachd
An Comann Aimeireaganach airson Adhartas nan Saidheansan
Comann Aimeireaganach an Eòlais-fhiosaig
Acadamh Rìoghail nan Tìrean Ìsle airson nan Ealan is Saidheansan
Acadamh Nàiseanta nan Saidheans

Rugadh e 17 Samhain 1902 ann am Budapest mar Jenő Pál Wigner, no Wigner Jenő Pál mar a chanas iad anns an Ungair. Bha e na sgoilear aig a' ghymnasium agus John von Neumann an sin aig an aon àm. Dh'ionnsaich e aig an Institiud Teicnigeach Bhudapest agus aig Oilthigh Teicnigeach Bherlin einnseanaireachd cheimigeach far an do sgrìobh e a theusais, Bildung und Zerfall der Molekülen ('Cruthachadh agus Sgriosadh nam Moileciuilean') fo Michael Polanyi. An dèidh bliadhna leis a' chompanaidh teaghlaich anns an Ungair thill e gu Berlin far an do dh'obair e aig an Institiud Kaiser Wilhelm. Dh'obair e cuideachd còmhla ri David Hilbert aig Oilthigh Ghöttingen.

Eadar 1930 is 1933 bha Wigner ag obair aig Oilthigh Phrinceton agus ann am Berlin ach dh'fhàg e Berlin nuair a ghabh na Nàsaich greim air smachd anns a' Ghearmailt. Seach trì bhliadhna aig Oilthigh Madison-Wisconsin, agus àm a' chogaidh nuair a bha e an sàs anns a' phròiseact Mhanhattan aig Oilthigh Chicago mhair e aig Princeton gu ruige a bhàs 1 Faoilleach 1995.[2]

Samhlaichean Wigner

Ann am meacanaigs cuantamach tha na samhlaichean Wigner a' toirt dòigh feumail airson cumhachdan gluasaid ceàrnach a chur ri chèile, mar eisimpleir far am bi aon fòton ag eadar-obair le aon eileagtron. Tha an t-samhla 3-j, airson dà chumhachd a chur ri chèile, nas shimplidhe agus nas cho-chothromaiche na co-èifeachdan Clebsch–Gordan.[3] Tha samhlaichean 6-j agus 9-j ann cuideachd.

Iomraidhean

  1. Eugene Wigner - Facts”. Nobel Media AB. Air a thogail 28mh dhen t-Samhain 2019.
  2. O'Connor, John J. ⁊ Edmund F. Robertson (An Cèitean 2001): Eugene Paul Wigner (1902-1995)”. MacTutor History of Mathematics archive. Oilthigh Chill Rìmhinn. Air a thogail 29mh dhen t-Samhain 2019.
  3. Weisstein, Eric: Wigner 3j-Symbol”. MathWorld--A Wolfram Web Resource. Wolfram Research. Air a thogail 28mh dhen t-Samhain 2019.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.