Eugène Varlin
B' e leabhar-cheangladair, ball nan aonaidhean-ciùrd agus rèabhlaideach sòisealach às An Fhraing a bh' ann an Eugène Varlin (Claye-Souilly, 5 an Dàmhair, 1839 - Paris, 28 an Cèitean 1871).[1] Bha esan an lùib a' Chomainn Pharis agus chaidh a mharbhadh ga dhìon.
Eugène Varlin | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Breith | Claye-Souilly, 5 dhen Dàmhair 1839 |
Dùthaich |
![]() |
Bàs |
18th arrondissement of Paris (en) ![]() |
Nàdar a’ bhàis | (leòn peileir) |
Foghlam | |
Cànain | Fraingis |
Dreuchd | |
Dreuchd |
neach-poileataigs, communard (en) ![]() ![]() |
Ballrachd |
Comann Eadar-nàiseanta nam Fir-obrach Comité central républicain des Vingt arrondissements (en) ![]() Central Committee of the National Guard (en) ![]() Comhairle na Coimhearsnachd |
Beatha
Rugadh e ann an Claye-Souilly, faisg air Paris, ann an ceann an tuath na Frainge, nuair a bha an dùthaich na Rìoghachd gu math cugallach air an robh Monarcachd an Iuchair (Fraingis: Monarchie de Juillet). Bhuineadh e do theaghlach gu math bochd, macanta agus cha deach e idir dhan oilthigh. Dh'fhàg e an sgoil aig 13 bliadhna a dh' aois. Cha robh e ach 25 bliadhna a dh' aois nuair a chuir e ri stailc air dòigh eadar na leabhar-cheangladairean, ann an 1864.

Dh' fhàs e gu math dlùth air rèabhlaidich eile a bha an aghaidh na stàite, mar Jarosław Dąbrowski, Louis Charles Delescluze agus Auguste-Jean-Marie Vermorel.[2] B' ann ann am Paris a chaochail e, nuair a bha e 32 bliadhna a dh'aois, agus na caraidean aige. Chaill An Fhraing cogadh an aghaidh na Prùise agus bha am baile air a chuairteachadh le feachdan bho thall thairis. Sheas esan an aghaidh a' chogaidh ach chuidich e leis an iomairt nuair a chuairtich na Prùisianich am baile is e os cionn nam feachdan-dìona. Thoisich ar-a-mach nan daoine bochda an aghaidh nan Gearmailteach, an Riaghaltais agus nan Monarcach. Chuir feachdan na stàite gu bàs e.
Urraman
Ann an 1910, is mòr-chuid aig na Sòisealaich sa Chomhairle, dh'ainmich sràid sa 10mh arrondissement (sgìre ann am Paris) an a dhèidh.[3]