Envigado

Tha Envigado na bhaile-mòr anns a' Ghleann Aburrá, Antioquia,[1] Coloimbia. Tha e dìreach ri taobh Medellín, prìomh-bhaile na roinne. 'S e fear dhe na deich bailtean-mòra anns a' Cheàrn Cathaireil a' Mhedellín a th' ann an Envigado. Tha àireamh-shluaigh dhe 174,108 aige. 'S e Envigado an 27mh baile as motha na dùthcha.[2] Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1775.

Envigado
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Sgìre Valle de Aburrá (A' Ghleann Aburrá)
Àirde 1575m
Co-chomharran 6° 09' Tuath
75° 36' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 50 km²
Àireamh-shluaigh 174,108 (2005)
Dlùths 3,482.16/km²
Duilleag oifigeil www.envigado.gov.co

Tha club ball-coise aige, an Envigado F.C.

Freumhan an Ainm

Thathar ag ràdh gur ann às an fhacal Spàinntis Envigado (crann ga dhèanamh airson togalach a thogail)[3] bho viga (crann) bhon fhacal Laideann biga a thàinig am facal Envigado,[4] seadh o chionn 's gu robh drochaid fhiodha an seo o shin, seadh leis gur e àite làn coilltean a bh'ann.[5]

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 174,108 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 8,688 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. 'S e am baile leis an dlùths taobh àireimh-sluaigh as motha anns an dùthaich.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Envigado (is mòran dhuibh mestizos), chan eil Tùsanaich ann ach tha 3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 95% dhe na daoine ann an Envigado leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 97.4% dhe na dachannan.[8]

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Envigado. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

Débora Arango Pérez (1907-2005), Dealbhadair.

Pablo Escobar (1949-1993), Ceannard na buidhne eucoireach a bu mhotha san t-saoghal.

Fernando González Ochoa (1895-1964),Feallsanaiche agus ùghdair.

Miguel Uribe Restrepo (1792-1841), Feallsanaiche agus Neach-poileataigs.

Iomraidhean

  1. Mapa oifigeil na roinneTeamplaid:Fix/category
  2. Bailtean as motha na dùthcha
  3. Real Academia de la Lengua
  4. Real Academia de la Lengua
  5. Oilthigh Antioquia
  6. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  7. Cololmbia Virtual
  8. Bileag fhiosrachaidh DANE
  9. Country Studies: Colombia
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.