Eas-chumadh Hutton
'S e ainm air àitichean ann an Alba a nochdas beàrn eadar linntean geòlasach a tha ann an eas-chumadh Hutton (Beurla: Hutton's Unconformity). Sgrìobh James Hutton gun deach clachan a chruthachadh ann am pròiseasan slaodach is ùine uabhasach airson breathan a phasgadh. Lorg e fianais aig na eas-chumaidhean ann an ceann a deas na h-Alba.
An Rubha Sicir
'S ann aig an Rubha Sicir ann an Siorrachd Bhearaig a tha tional cloiche-gainmhich dhearg Devonianaich os cionn cloiche-gainmhich Silurianaich phaisgte. Chunnaic e is John Playfair is James Hall far bàta ann an 1788 e.[1]
Eilean Àrainn
B' ann aig Rubha Newton faisg air Loch Raonasa far an do lorg Hutton a' chiad eas-chumadh is seo siosta Dalradianach fo breath cloiche-gainmhich na Linne Carbonmhoire.[3]
Iomraidhean
- “Siccar Point, the world’s most important geological site”. Edinburgh Geological Society. Air a thogail 13mh dhen t-Sultain 2022.
- “From Scottish Borders geology: an excursion guide edited by A.D. McAdam, E.N.K. Clarkson, P. Stone. Edinburgh”. Scottish Academic Press (for Edinburgh Geological Society). Air a thogail 13mh dhen t-Sultain 2022.
- “GEOLOGICAL HIGHLIGHTS - Hutton's Unconformity”. Arran WWW Fieldtrip. Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 13mh dhen t-Sultain 2022.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.