Eartra

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann an Eartra [1] neo Eritrea[2][3]. Tha crìochan aige le Sudàn san iar, an Itiop sa deas, agus Diobùtaidh san ear-dheas. Tha oirthir aige, ann an taobh an ear, is taobh tuath, air Muir Dearg.

Fhuair e neo-eisimeileachd air An Cèitean, 1993, as dèidh ar-a-mach fada. Chan eil cànan oifigeil aice, ach cleachdaidh iad Tigrinya, Arabais, Eadailtis agus Beurla.

'S e Asmara am prìomh-bhaile agus am baile as motha a tha ann.

Cairt: Eartra

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  3. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.