Earra-Ghàidheal

Is e Earra-Ghàidheal, no eàrr ('s e sin oirthir) nan Gàidheal, an ceàrn tùsail ann an Alba far an do shuidhich na Gàidheil. Mu dheireadh, dh'fhàs an tìr-imrich seo gu bhith an rìoghachd Dail Riata. Tha mòran làthairean ro-eachdraidheil ann, mar samplair aig Dùn Athad.

Earra-Ghàidheal

Tha Earra-Ghàidheal eachdraidheil a' gabhail a-staigh Earra-Ghàidheal Meadhanach, Latharna, na leth-eileanan Cinn Tìre agus Còmhall, agus na h-eileanan (Ìle, Diùra, Colbhasa, Muile, Giogha) còmhla ri Àird nam Murchan a chaidh na phàirt de Roinn na Gàidhealtachd ann an 1974.[1]

Is iad na bailtean cudromach An t-Òban, Inbhir Aora, Ceann Loch Gilb, Dùn Omhain, agus Ceann Loch Chille Chiarain.

Cruinn-eòlas

  • An Àird, Abhainn Urchaidh
  • Beinn a' Chaolais, Beinn a' Chaisteil, Beinn Ime, A' Bheinn Bhuidhe, Beinn Mhùrlaig, Beinn Narnain, Beinn Mheadhain, Beinn an Lochain, Beinn Artair, Beinn Luibhean, Beinn Dòmhnaich, Binnein an Fhìdhleir, Beinn Bheula, Beinn Lochain, Bac Beag, Bac Mòr
  • Càrn Glas, Clach Bheinn, Cruach na Beinne, Coire Bhreacain, Creiginis, Na Caoil Bhòdach, Cairn na Burgh Mòr, Cairn na Burgh Beag, A' Chrois, Beinn Chorranach, Cnoc Coinnich, Cruach nam Mult, Cruach nan Capull, Clach Bheinn, Cara, Caisteal an Stalcaire, Ceann a' Gheàrrloch, Coire Bhreacain
  • Dùn da Ghaoithe, Dubh Artach, Dùn Ad, Dùnan Amhlaidh, Dùn Channuill
  • Eileach an Naoimh, Eilean Mhic Chrìon, Eilean MhicAsgain, Eilean Dà Bhàrr, Eilean Dubh, Eilean Dearg
  • Garbh Eileaich, Garbh Eileach, Gleann a' Chrò, Gleann Urchaidh, An Gearr Loch, Gleann Freòin
  • An Linne Latharnach, An Loch Sianta, Loch Eich, Loch Eite, Loch Gilb, Loch Goill, An Linne Dhubh, Loch Long, Lunga
  • Mullach Coire a' Chuir
  • Rathad Iarainn nan Eilean
  • Stob an Eas, Stob na Boine Druim-fhinn, Siùna
  • Tom nan Gamhna, Tom Molach, Tir Fearghais, Treisinis, Torr-Innis, Torsa

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

  1. Local Government (Scotland) Act 1973 Schedule 1”. legislation.gov.uk. Air a thogail 7mh dhen Iuchar 2020.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.