Eaglais Chille Mhìcheil

Chaidh Eaglais Chille Mhìcheil a stèidheachadh anns na Meadhan Aoisean. 'S e eaglais pharaiste Chille Mhìcheil a bh' innte gu 1662, as dèidh sinn còmhla ri Cùl a Chùdainn, gus paraiste ùr Ruigh Solais a stèidheachadh. Bho 1767 dh'imrich an coitheanal dhan eaglais ùir ann an Ruigh Solais fhèin agus cha deach Cille Mhìcheil a chleachdadh ach mar àite-tìodhlacaidh no mar thrannsa-adhlacaidh, m.e. leis na teaghlaichean Seadhach-Mac Coinnich à Talla Neimheadh agus Mac an Rothaich às an Àrdach[1]. Tha pàirtean dhen eaglais meadhan-aoiseach ann fhathast, aig ceann an iar na h-eaglaise, agus leacan meadhan-aoiseach anns a’ chladh.

An eaglais às dèidh obrach ath-nuadhachaidh 2017
An eaglais mar a bha i ann an 2008

Tha Eaglais Chille Mhìcheil suidhichte faisg air Camas Uadail air an Eilean Dubh. Tha an eaglais clàraichte air liosta nan togalaichean clàraichte, roinn-seòrsa B[2].

Iomraidhean

  1. Eaglais Chille Mhìcheil, Eilean Dubh (Gàidhlig agus Beurla). seaboardgàidhlig. Air a thogail 31mh dhen Mhàrt 2017.
  2. Kirkmichael Remains Of Kirmichael Church And Burial Ground (Beurla). Clàr den Àrainneachd Eachdraidheil. Air a thogail 4mh dhen Ògmhios 2017.

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.