An Eadailt
'S e dùthaich mhòr a tha anns an Eadailt[1][2][3][4][5][6][7] (Eadailtis: Italia) air taobh-a-deas na Roinn-Eòrpa. 'S e tairbeart neo rubha mòr a tha ann, suidhichte anns a’ Mhuir Meadhanach, le cuid de eileanan còmhla, m.e.:Sicily agus Sardinia. 'S e An Roimh am prìomh-bhaile aice agus 's e Eadailtis an cànan aca. Tha na crìochan aice ann an ceann a tuath na dùthcha leis an Fhraing, an Eilbheis, an Ostair agus an t-Slòbhain. Tha na dùthchannan San Marino agus Cathair na Bhatacain suidhichte air an taobh a-staigh anns an Eadailt. Tha am Fàsach Accona suidhichte anns an Toscana faisg air Asciano. Tha Sgioba nàiseanta rugbaidh na h-Eadailt fear den sgiobaichean mòra aig rugbaidh.
Bailtean mòra
Seo lista na bailtean as motha na h-Eadalite:[8]
Foghlam
Is e Oilthigh Bhologna am fear as aosmhor air feadh an t-Saoghal a tha a’ toirt ceum do na h-oileanaich.
Chaidh an t-Oilthigh Phadua a stèidheachadh anns a' bhliadhna 1222 (Università degli Studi di Padova anns an Eadailtis). Tha e suidhichte anns a’ bhaile Padova ann an earra-thuath na h-Eadailte.
Daoine ainmeil
- Cristoforo Colombo a tha ainmeil airson Aimearaga a lorg.
- Leonardo Da Vinci, dealbhadair a rinn an dealbh Mona Lisa.
- Giosuè Carducci, sgrìobhadair agus a' chiad fhear às an Eadailt a bhuannaich an Duais Nobel ann an Litreachas.
- Primo Levi, ceimigear agus sgrìobhadair a tha ainmeil airson na obrach aige mun Uile-losgadh.
- Dario Fo, sgrìobhadair à Sangiano, a bhuannaich an Duais Nobel ann an Litreachas anns a' bhliadhna 1997.
Iomraidhean
- Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- Am Faclair Beag
- Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1-871901-39-1
- Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- Brìgh nam Facal, Faclair Ùr don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0-903204-21-5
- Dùthchannan aig SMO
- Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
- Mongabay