Eachdraidh nan damaichean air a' Ghàidhealtachd

Ro-ràdh

Loch Mhonair ron dama

Bho thòiseach an naoidheamh linn deug gu timcheall 1870, bha iarrtas gun cheann airson talamh treabhta is inghilt airson feòil-caoraich is clòimhe. Nuair chaidh prìs na clòimhe sìos thionndaidh na h-uachdarain gu gnothaichean ùra is mar sin bha àireamh a bha fàs de thaighean-eunaidh a nochdadh air feadh na Gàidhealtachd. Gu math trice bha mòran luchd-obrach anns na h-àiteachan sin is mar a b’ àbhaist geamairean, stalcairean is buachaillean air am brosnachadh a bhith a’ cumail crodh, oir gu mòr bha na coimhearsnachdan ùra sin stèidhichte ann an ceàrnan iomallach den Gàidhealtachd. Mar sin, dh’fhuirich mòran daoine sa Ghàidhealtachd airson solaraich goireasan do luchd-turais a bha ann airson sealg, iasgach, coiseachd cnuic is spòrs. Mar eisimpleir, aig Pait, ri taobh Loch Mhonair aig ceann Gleann Srath Farrar, bha stàball airson ceathrar eich is sabhal airson ochdnar crodh-laoigh a chumail, is togalaichean eile a bharrachd air na taighean airson luchd-obrach. Bha a’ choimhearsnachd aig Pait coltach ri tuineachaidhean an iomadh àite eile air feadh na Gàidhealtachd.

Adhbharaich atharrachadh

Ro dheireadh an Dàrna Cogaidh chaidh Achd Dealain-uisge (Alba) 1943 tron Phàrlamaid gus sgeamaichean dealain a dhèanadh bho chumhachd an uisge ann an aibhnichean agus lochan na Gàidhealtachd a cheadachadh, fo cheannardas Tom Johnstone, Rùnaire na Stàite ann an Alba. Aig an àm sin, thàinig luchd-tomhais gu iomadh àite air feadh na Gàidhealtachd is bha iad a’ lorg airson àiteachan freagarrach far am biodh sgeamaichean dealan-uisge gan togail. A-rèir Bhùird an Dealain biodh na planaichean aca math anns a h-uile dòigh airson na Gàidhealtachd agus na daoine is bhiodh an dùthaich air fad a’ cur feum air leasachadh. As dèidh an dàrna cogaidh, bha na h-ùghdarrasan a’ lorgadh ro-innleachd eaconamach eadar-dhealaichte, gu h-airidh aig àm den iarrtas gun cheann airson barrachd dealain.

Fon ainm "Neart nan Gleann" thòisich iomairt gus am biodh iomadh dama ga thogail, le stèiseanan-cumhachd nan cois is mar sin b’ e gnìomhachas nàiseanta a bh’ ann bho thùs airson dealan a liubhairt air feadh Alba is leasachadh sòisealta aig an aon àm, gu h-àiridh airson muinntir na Gàidhealtachd. Nuair a bha an sgeama seo aig barr a rèime, bha mu 12,000 duine ag obair air an hydro. Thàinig fireannaich bho air feadh na h-Alba gus obair a lorg às dèidh an Dàrna Cogaidh ’s iad a' faighinn deagh phàigheadh. Bha Gearmailtich, Pòlainnich agus Seicich am measg na feadhna as fheàrr air tunailean a chladhach ’s thugadh "Tunnel Tigers" orra. Cho anmoch ri na 1940an, gheibheadh fear dhiubh suas ri £35 san t-seachdain, an taice ri £3 no £4 san t-seachdain do luchd-obrach air oighreachdan.

Loch Mhonair às dèidh an dama

Eadar 1947 is 1961 chaidh barrachd air 60 taighean is taighean-eunaidh a leagail, dhachaigh dha na buachaillean is stalcairean far an robh iad ag obair; bhathar a smaoineachadh gur e phrìs a bh’ ann a b’ fhiach a phàigheadh. Rè na h-ùine sin chaidh 56 damaichean a thogail is 54 stèiseanan-cumhachd uisge. A bharrachd air sin, chaidh faisg air 200 mìle de thunailean a thogail is timcheall air 400 mìle rathaid. Mar sin thàinig iomadh atharrachadh gu tìr is muinntir. Mar eisimpleir ann an Gleann Srath Farrar (sa sgeama Afraig-Manachainn, fear den fheadhainn as motha) ach a-mhàin dama beag, dà stèisean-cumhachd fon talamh is mòran phaidhleonan, gu ìre cha robh buaidh air a’ ghleann ìosal; ach aig ceann a’ ghlinne sin chaidh ochd taighean fon uisge nuair a thogadh an dama aig Monar. Thachair an aon rud tro iomadh gleann air feadh na Gàidhealtachd; am measg nan sgeamaichean a bu mhotha bha an fheadhainn aig Sin, Conan, Loch Sluagh-Loch Obha, Bràghad Albainn, Cruachan is Teimheil - na h-àiteachan far am biodh am buil as motha.

Thàinig mòran daoine far am biodh obair gu leòr airson barrachd luchd-obrach air Gàidhealtachd aig an àm; mar sin, biodh gnìomhachasan ionadail - bùithtean, taighean-òsda, taighean-seinnse, companaidhean-siubhal, luchd-togail - a’ dèanamh math bho bharrachd gnìomhachais. A-rèir nan ùghdarrasan, bhiodh seilbheachd phoblach sin math airson muinntir na Gàidhealtachd san fharsaingeachd. Chaidh aithneachadh gum biodh bhuaidh mhòr air na daoine a bha fuireach faisg air na lochan far am biodh na damaichean gan togail. Dh’fheumadh iadsan gluasad dha àiteachan eile airson àite-fuirich ùr is obair ùr, ach bha iadsan sa bheag-chuid.

Adhartas

Sanas aig an Sloy Dam a chaidh a thogail ann an 1950.

Biodh atharraichean mòra, cuideachd, air sealladh-nàdair is fiadh-bheatha. Air taobh an iar Loch Mhonair, mar eisimpleir, bha iomadh seòrsa eòin annasach a’ neadachadh; sealladh-clàraichte dhen chrann-lach, lochlannach, maor-cladaich, deoch-bhiugh, guilbneach, gealag an t-sneachd is curracag, a thoirt ainm air ach beagan. Nuair a thog iad an dama aig Monar chaill iad an àrainn gu sìorraidh; am fear sin a bha na phàirt den sgeama Afraig-Manachainn, is bha seo am measg na feadhna mu dheireadh a chaidh a thogail, le ùmhlachd do rannsachadh poblach, oir is cinnteach gun robh comhaireachd an aghaidh nan atharraichean a bha tighinn. Ach a dh’aindeoin nan gearan làidir, bha na daoine an aghaidh sa bheag-chuid is chaidh an tòiseachadh an sgeama leas a’ phobaill.

Bhiodh a’ chompanaidh dealain a dèanamh tuairmeas mu dheidhinn cosg-èifeachdas an sgeama mhòir aca. Bha dùil aca gum biodh prìs an dealain a’ dol sìos, ’s docha gum biodh dealan saor an-asgaidh airson muinntir na Gàidhealtachd. Bhathar ag ràdh gum biodh na daoine air a’ Ghàidhealtachd gu math toilichte nuair a gheibheadh iad dealan don chiad uair; ach a dh’innse na fìrinne, ràinig an dealan iomadh àite air Gàidhealtachd mòran bhliadhnaichean ron sin - Cille Chuimein 1890, an Gearasdan 1896, Eilean Ruim 1898 is bha dealan aig a mhòr-chuid de chlachain air feadh na Gàidhealtachd ro na 1920an. Cha robh a h-uile duine a’ creidsinn nan geallaidhean is faidhireachdan aig a’ Bhòrd Dealain, gu h-àiridh am biodh na sgeamaichean sàbhailte nuair a bhiodh iad deiseil. Bha iad eagalach air tuil is amharasach mun faidhireachdan air mach-chur dealain. Mar a thachair e, cha mhòr cho luaithe ’s a bha an sgeama Afraig-Manachainn, a’ ruith, thàinig tuil mhòr bhon bliadhna an t-sneachda bhuidhe (ann an 1966) is rinn i uiread millidh fad na sgìre. Cha robh na sgeamaichean ag obair cuideachd a-rèir plana. Mar eisimpleir, ann an 1968 as dèidh ràith na tiormachd gu sònraichte, b’ fheudar dhaibh dealan fhaighinn bho àiteachan eile.

Co-dhùnadh

Tha caochladh-bheachd fhathast ann mu dheidhinn buil shòisealta is buil àrainneachd nan sgeamaichean mòra. Bha dùil aig na h-ùghdarrasan gum biodh iomadh gnìomhachas ùr a’ tòiseachadh air Gàidhealtachd as dèidh an leasachaidh; ach bha an ìre-leasachaidh na bu lugha na bha dùil aca. Bha fàsachadh a’ leantainn mus tòisich na sgeamaichean is aig an aon àm thàinig mòran daoine ann airson obair. Rè ùine an togail, rinn na gnìomhachasan ionadail gu math bhon luchd-obrach, oir fhuair iadsan deagh phàigh is bha iad beartach gu ìre. Dh’fhuirich beagan den luchd-obrach sna h-àiteachan far an robh iad ag obair aig deireadh nan sgeamaichean is mar sin chaidh an t-astar fàsachaidh a lùghdachadh. Bha e eu-coltach ri na fuadaichean a thachair san linntean na bu tràithe oir bha atharrachadh buan gu bràth sna gleanntan . Ach, a dh’aindheoin sin, bha iad feumail airson leasachadh na Gàidhealtachd san fharsaingeachd, gu h-àiridh aig àm an chruadail eaconomaicich air feadh ar dùthcha.

Leabhar-chlàr

  • MacKay, I., The Last Highland Clearance Bidean Books, Torgormack, Inverness-shire 2004
  • Miller, J., The Dam Builders Birlinn Limited, Edinburgh 2002
  • Wood, E., The Hydro Boys Luath Press Limited, Edinburgh 2002

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.