Dionnasg an Fhearainn

Thòisich a’ chiad Dionnasg an Fhearainn (Beurla: Highland Land League) anns na 1880an air Ghàidhealtachd na h-Albann mar phàirt de Strì an Fhearainn. B’ e an gairm aca, Is treasa tuath na tighearna.[1]

Suaidheantas Dhionnasg an Fhearainn (1880an)

Thòisich an dàrna Dionnasg an Fhearainn mar phàrtaidh poileataigeach ann an Glaschu ann an 1909. Bha iad airson féin-riaghaladh ann an Albainn, agus bha buill de Dhionnasg an Fhearainn air leth cudromach ann a bhith a’ cur air bonn Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ann an 1934.

Iomraidhean

  1. Whose Land is it Anyway?”, Bella Caledonia. 12mh dhen Mhàrt 2014. Air a thogail 26mh dhen Ghiblean 2020. 
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.