Diùcachd Sagsainn-Meiningen

B’ e dùthaich bheag ann an cridhe na Gearmailt a mhair bho 1681 gu ruige 1918 a bh’ anns an Diùcachd Sagsainn-Meiningen (Gearmailtis: Herzogtum Sachsen-Meiningen, IPA: zaksən maɪnɪŋən). B’ e Meiningen a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha. Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1681 nuair a sgaradh oighreachdan an Diùc Ernst der Fromme[1] (Gàidhlig: Ernst Cràbhach) eadar a chuid mhic, an dèidh a bhàis.[2] B' ann làidir an aghaidh prìomh-ghineadas a bh' ann an seann diùc agus cha robh stèidh laghail ann a thaobh phrionnsabal còirichean a' phrìomh-ghineadais anns A' Ghearmailt.[3] Fhuair treas mac an diùc, Bernhard, an sgìre mu timcheall Mheiningen, a bharrachd air pìosan beaga de fhearainn air feadh Shagsainn. Bha Sagsainn-Meiningen na ball Co-chaidreachas na Rèine bho 1806 gu ruige 1813,[4] nuair a dh' atharraich Napoleon Bonaparte structair phoileataigeach na Gearmailt, a' cur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe.[5] Chuir Sagsainn-Meiningen agus na diùcachdan eile ann an Sagsainn 2000 saighdearan uile gu lèir do Fheachdan a' Cho-chaidreachais.[6] Chaidh piseach a thoirt gu oighreachdan Shagsainn-Meiningen ann an 1825[7] nuair a ghabhadh os làimh Diùcachd Sagsainn-Hildburghausen, Diùcachd Sagsainn-Coburg-Saalfeld agus am baile Saalfeld fhèin, an dèidh bàs an Diùc Friedrich IV à Sagsainn-Gotha-Altenburg.[8] Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Sagsainn-Meiningen agus leig an diùc Bernhard III dheth an crùn. Chaidh poblachd, a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhèin, a stèidheachadh na h-àite.[9]

Diùcachd Sagsainn-Meiningen
Herzogtum Sachsen-Meiningen
  16811918  
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1681
Bliadhna mu Dheireadh 1918
Prìomh-Bhaile Meiningen
Càna(i)n Oifigeil Gearmailtis
Farsaingeachd 2,468 km2
Àireamh-shluaigh 269,000 (1905)
Dlùths 109/km2

Ceannardan na Stàite

  • 1680 – 1706 - Bernhard I.
  • 1706 – 1724 - Ernst Ludwig I.
  • 1724 – 1733 - Co-bhann eadar Friedrich Wilhelm, Anton Ulrich, Ernst Ludwig II. Ernst Ludwig II. agus Carl Friedrich
  • 1733 – 1743 - Karl Friedrich
  • 1743 – 1746 - Friedrich Wilhelm (Ann an co-bhann le a bhràthair Anton Ulrich)
  • 1746 – 1763 - Anton Ulrich (Ann an co-bhann le a bhràthair Friedrich Wilhelm)
  • 1763 – 1779 - Charlotte Amalie na tàinistear airson Karl Wilhelm
  • 1779 – 1782 - Karl Wilhelm August (Ann an co-bhann le a bhràthair Georg)
  • 1782 – 1803 - Georg I.
  • 1803 – 1822 - Louise Eleonore zu Hohenlohe-Langenburg na tàinistear airson Bernhard II.
  • 1822 – 1866 - Bernhard II.
  • 1866 – 1914 - Georg II.
  • 1914 – 1918 - Bernhard III.

Iomraidhean

  1. Ernst der Fromme, Herzog zu Sachsen-Gotha und Altenburg: ein Beitrag zur Geschichte des 17. Jahrhunderts, Teil 1
  2. Almanach de Gotha
  3. Spectator Archive
  4. Napoleon
  5. Alain Pigeard, Dictionnaire de la Grande Armée, Tallandier,‎ septembre 2002 (ISBN 2-84734-009-2), duilleag. 374
  6. Jean Tulard (dir.), Dictionnaire Napoléon, vol. A-H, Fayard,‎ octobre 1999 (ISBN 2-213-60485-1), duilleag. 486
  7. Deutsche Schutzgebiete
  8. August Beck, Friedrich I., Herzog von Sachsen-Gotha und Altenburg. In: Allgemeine Deutsche Biographie (ADB). vol VIII. Duncker & Humblot, Leipzig 1878, duilleag. 2.
  9. Lucha de Clases
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.