Den Haag

‘S e baile mòr agus port air an àirde an ear-dheas nan Tìrean Ìsle a th’ ann an Den Haag neo 's-Gravenhage (IPA: dɛnˈɦaːx/sxraːvə(n)ˌɦaːɣə Portagailis: Haia,Laideann/Pòlais/Romàinis: Haga, Spàinntis: La Haya, Fraingis: La Haye). Tha e suidhichte aig 4m os cionn ìre na mara,[1] anns an roinn Zuid-Holland (An Òlaind a Deas). Tha am baile 21km air falbh bho Rotterdam, 53km bho Amsterdam (Prìomh-bhaile na dùthcha), 56km bho Utrecht agus 199km bho Ghroningen.[2] Tha 504,260 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin, leis gur e an treas baile as motha san dùthaich, [3][4] ach tha mu 1,088,508 anns an sgìre air fad.[5] Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1242 mar Die Haghe (A' Choille). Dh'atharrachadh an t-ainm gu Des Graven Hage (Coille an Iarla) san 15mh linn. Canar 'Den Haag' ach sgrìobhar ' 's-Gravenhage', gu h-oifigeil.[6] Tha banrìghinn na dùthcha a' fuireach an seo. Chaidh Cornelius agus Johan de Witt a chur gu bàs an seo le gràisg fheargach fhiadhaich ann an 1672, ri linn Bliadhna na Dosgainne.[7]

Den Haag
's-Gravenhage
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich Na Tìrean Ìsle
Sgìre Zuid-Holland (An Òlaind a Deas)
Co-chomharran 52° 05 00' Tuath
04° 19 00′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 82.66 km²
Àireamh-shluaigh 504,260 (2012)
Dlùths 6,100.41/km²
Àireamh fòn +31 (0)70
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

  1. Mongabay
  2. Distance Calculator
  3. Bailtean na Cruinne”. Air a thasglannadh [o http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&des=wg&srt=pnan&col=adhoq&msz=1500&geo=-160] 21mh dhen Ògmhios 2013.
  4. Geonames
  5. Haaglanden in Cijfers
  6. Taal Advies
  7. NNDB
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.