Delémont
‘S e baile air an àirde an iar-thuath na h-Eilbheis a th’ ann an Delémont (Gearmailtis: Delsberg, Eadailtis: Delemonte, Rumantsch: Delemunt). Tha e suidhichte aig 412m os cionn ìre na mara[1] ri taobh na h-aibhne Sorne, anns an roinn (Fraingis: Canton) Jura. Tha Delémont 92km air falbh bho Zürich, 157km bho Ghenève, 81Km bho Luzern agus dìreach 47km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 11,590 duine a’ fuireach anns a’ bhaile. ‘S e an 42mh baile na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh[3] agus 's e Fraingis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Delémont. Chaidh e a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 737.
Delémont
| |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Roinn Eilbheiseach | ![]() | ||||
Cànan | Fraingis | ||||
Co-chomharran | 47° 22 00′ Tuath 07° 21 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 21.99 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 11,590 (2010) | ||||
Dlùths | 527.06/km² | ||||
Àireamh fòn | + 41 32 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.delemont.ch |
Daoine Ainmeil
Bailtean Co-cheangailte
Belfort[4]
La Trinidad
Ceanglaichean A-mach
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.