David MacMillan
'S e ceimigear à Alba a tha ann an David MacMillan. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 2021 còmhla ri Benjamin List.
David MacMillan | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Bellshill, 16 dhen Mhàrt 1968 |
Dùthaich | Alba |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Ghlaschu Oilthigh California, Irvine Bellshill Academy (en) |
Oileanaich dotaireachd | Vy Dong (en) |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | ceimigear agus neach-teagaisg oilthigh |
Àitichean-obrach | Alba |
Fastaichean |
Oilthigh California, Berkeley Oilthigh Princeton (2006 - |
Obraichean comharraichte | asymmetric organocatalysis (en) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd |
An Comann Rìoghail Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans Acadamh Nàiseanta nan Saidheans |
Rugadh e ann am Bellshill agus bha e na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu. Rinn e dotaireachd aig Oilthigh Chalafòrnia, Irvine còmhla ri Larry Overman is dh'obraich e aig Oilthigh Harvard far an do leasaich e catailistean a bha fàs-bheartach nach robh cho cugallach a thaobh ogsaidein agus fliuicheid a bha catailistean meatailteach.[1] An dèidh sin dh'obraich e aig Oilthigh Bherkeley mus deach e na ollamh aig Oilthigh Phrinceton ann an 2006. Bhuannaich e am Bonn Chorday-Morgan ann an 2005 agus bha e na chiad dheasaiche de Chemical Science eadar 2009 agus 2014.[2]
Chleachd e an airgid a bhuannaich e airson carthannas airson taic a thoirt ri sgoilearan bochda ann an Alba a stèidheachadh.[3]
Iomraidhean
- Rincon, Paul: “Chemistry Nobel awarded for mirror-image molecules”, BBC News. 6mh dhen Dàmhair 2021. Air a thogail 4mh dhen Dàmhair 2023.
- “David MacMillan”. National Academy of Sciences. Air a thogail 4mh dhen Dàmhair 2023.
- “Prof David MacMillan gives Nobel Prize money to students”, BBC News. 2na dhen Ghiblean 2022. Air a thogail 4mh dhen Dàmhair 2023.