Dalswinton
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Dalswinton. Tha e suidhichte aig 68m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Baile na h-Eaglaise agus Auldgirth, ri taobh na h-aibhne Nid.[2] Tha e 243km air falbh bho Obar Dheathain, 88km bho Ghlaschu, 9km bho Dhùn Phrìs agus 95km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Dalswinton. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, an coilltearachd agus dreuchdan ann an Dùn Phrìs. A bharrachd air sin, tha oighreachd[3] agus tuath gaoithe[4] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann is le sin feumar a dhol dhan sgoil ann an Dùn Phrìs neo Bàrr na Dris.
Dalswinton | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 09′ 00″ Tuath 03° 40′ 00″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01387 |
Eachdraidh
Tha am baile stèidhichte ri gach taobh an rathaid a thog na Ròmanaich o chion fhada, fais air daingneach.[5] Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1292 mar Dalsuyntone.[6] Thog an teaghlach Cuimeanach Tùr an seo sna meadhan aoisean.[7] Chaidh am baile a chithear an latha an-diugh a leasachadh san 18mh Linn an dèidh do fhear-malairt à Glaschu, air an robh Patrick Miller,[8] an oighreachd a cheannachd ann an 1785. Thogadh eaglais anabarrach an seo ann an 1881.[9] Tha i air a dhèanamh ann an iarann preasach ann an taigh-gnìomhachais an Glaschu: 's e dòigh cunnarach a chleachdadh aig deireadh na 19mh Linne ri eaglaisean a thogail air an dùthaich. A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair ceithir duine thar fhichead às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr[10] agus trì duine deug eile san Dàrna Cogadh.
Iomraidhean
- Falling Rain
- Fish Pal
- Dalswinton Estate
- Infinis
- Dumfries Companion
- The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- Scottish Places
- Robert Burns
- Scottish Churches
- Scottish War Memorials Project
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck