Dùghlas Ross
'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Dùghlas Ross [1] BP (Beurla: Douglas Ross).
Thaghadh e mar bhall-liosta airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean anns an taghadh Albannach 2016. An dèidh don taghadh chaidh e na neach-labhairt airson a' bhuidhinn Tòraidheach air ceartais.[2] Chaidh e a thaghadh cuideachd mar BhP airson Moireabh ann an 2017[3] agus leig e dheth a sheat aig Taigh an Ròid.[4] Tha e na bhall dhen Phàrtaidh Tòraidheach na h-Alba. Chaidh e na fho-mhinistear airson Alba ann an 2019 ach dh'fhàg e an riaghaltas an dèidh do chonnspaid mu Dhominic Cummings an taigh aige fhàgail is a shiubhail gu Durham bho Lunnainn nuair a bha buill dhen teaghlach tinn le COVID-19.[5]
Lean Dùghlas Ross mar cheannard a' Phàrtaidh Jackson Carlaw ged nach robh seat aig Taigh an Ròid aige. Cha robh tagraichean eile ann. Ghabhadh Ruth Davidson an àite aige airson deasbadan is ceistean aig Tàigh an Ròid.[6]
Tha e ag obair cuideachd mar rèitire bhall-coise ann an geamannan eadar-nàiseanta.[7]
Connspaid
Tha Dùghlas Ross a' leantainn air mar rèitire is e air deasbadan san Taigh nan Cumantan a chall.[8]
Ceanglaichean a-mach
- They Work for You: Douglas Ross MP, Moray, former MSP, Moray (Beurla)
Iomraidhean
- “Taghadh Pàrlamaid air Ghàidhealtachd”, BBC. 16mh dhen Ògmhios 2016. Air a thogail 27mh dhen t-Sultain 2016.
- “Scottish Conservative appointments for new parliamentary term” (Beurla). Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba. Air a thogail 27mh dhen t-Sultain 2016.
- “Douglas Ross MP”. Pàrlamaid Westminster. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2017.
- “Newly elected Tory MPs quit Holyrood for Westminster”, BBC. 13mh dhen Ògmhios 2017. Air a thogail 5mh dhen Iuchar 2017.
- “Dùghlas Ros air an Riaghaltas fhàgail”, Naidheachdan a' BhBC. 26mh dhen Chèitean 2020. Air a thogail 26mh dhen Chèitean 2020.
- “Douglas Ross confirmed as Scottish Conservative leader”, BBC News. 5mh dhen Lùnasdal 2020. Air a thogail 6mh dhen Lùnasdal 2020.
- “Scotland - D. Ross” (Beurla). Soccerway. Air a thogail 27mh dhen t-Sultain 2016.
- “Dùghlas Ross "an dùil leantainn air" greis eile”, BBC. 23mh dhen Dàmhair 2017. Air a thogail 2na dhen t-Samhain 2017.
Bardell (Baile Dhunlèibhe) • Black (Pàislig agus Siorrachd Rinn Friù a Deas • Blackford (Ros, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abar) • Blackman (Obar Dheathain a Tuath) • Bonnar (Coatbridge, Chryston agus Bellshill) • Brock (Dùn Èideann a Tuath agus Lìte) • Bowie (Siorrachd Obar Dheathain an Iar agus Ceann Chàrdainn) • Brown (Cille Mheàrnaig agus Lùghdan) • Callaghan (Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear) • Cameron (Cille Bhrìghde an Ear, Srath Abhainn agus Lios Mo Fhèige) • Chamberlain (Fìobh an Ear-Thuath) • Chapman (Dùn Phàrlain agus Fìobh an Iar) • Cherry (Dùn Èideann an Iar-dheas) • Cowan (Inbhir Chluaidh) • Crawley (Lannraig agus Hamilton an Ear) • Day (Gleann Iucha agus An Eaglais Bhreac an Ear) • Docherty (Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar) • Doogan (Aonghas) • Dorans (Inbhir Àir, Carraig agus Cumnaig) • Duguid (Siorrachd Bhanbh agus Bùchainn) • Flynn (Obar Dheathain a Deas) • Gibson (Siorrachd Àir a Tuath agus Arainn) • Grant (Gleann Rathais) • Grady (Glaschu a Tuath) • Hanvey (Cair Chaladain agus Cowdenbeath) • Hendry (Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach agus Srath Spè) • Hosie (Dùn Dè an Ear) • Jack (Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh) • Jardine (Dùn Èideann an Iar) • Lamont (Siorrachd Bhearaig, Roxburgh agus Salcraig) • Law (Dùn Dè an Iar) • Linden (Glaschu an Ear) • MacAsgaill (Lodainn an Ear) • Stewart McDonald (Glaschu a Deas) • Stuart McDonald (Comar nan Allt, Cill Saidh agus Cair Cheann Tulaich an Ear) • MacIlleMhìcheil (Arcaibh agus Sealtainn) • McLaughlin (Glaschu an Ear-thuath) • McNally (An Eaglais Bhreac) • MacNèill (Na h-Eileanan an Iar) • Monaghan (Glaschu an Iar-thuath) • Mundell (Siorrachd Dhùn Phris, Dail Chluaidh agus Srath Thuaidh) • Murray (Dùn Èideann a Deas) • Newlands (Pàislig agus Siorrachd Rinn Friù a Tuath) • Nicolson (Ochail agus Siorrachd Pheairt a Deas) • O'Hara (Earra-Ghàidheal agus Bòd) • Oswald (Siorrachd Rinn Friù an Ear) • Qaisar (An t-Àrd-Ruigh agus Shotts) • Ross (Moireabh) • Shanks (An Ruadh-Ghleann agus Hamilton an Iar) • Sheppard (Dùn Èideann an Ear) • Smith (Sruighlea) • Stephens (Glaschu an Iar-dheas) • Stone (Gallaibh, Cataibh agus Ros an Ear) • Thewliss (Glaschu Meadhain) • Thomson (Gòrdan) • Thompson (Lodainn Mheadhanach) • Wishart (Peairt agus Siorrachd Pheairt a Tuath) • Whitford (Siorrachd Àir Meadhain) |