Dùghall Bochanan
'S e bàrd Gàidhealach spioradail a bh' ann an Dùghall Bochanan (1716–2 an t-Ògmhios 1768).
Dùghall Bochanan | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Both Chuidir, 1716 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 1768 |
Dreuchd | |
Dreuchd | eadar-theangair, sgrìobhadair, eadar-theangadair a' Bhìobaill agus bàrd |
Fastaichean | A' Chuideachd Urramach a tà Chum Eòlas Crìosdaidh a Sgaoileadh |
Gnè ealain | bàrdachd |
Sgeul-beatha
Rugadh e ann an 1716 ann am Both Chuidir ann an Siorrachd Pheairt. Ann an 1749, phòs e ri tè air an robh Mairead Brisbane. Ann an 1751, fhuair e obair bhon Chuideachd Urramach a tà Chum Eòlas Crìosdaidh a Sgaoileadh mar thidsear ann an Ceann Loch Raineach. An ceann sreath, fhuair e obair mar Cheistear anns an sgìre sin cuideachd. Bha e 'n sàs ann an eadar-theangachadh dhen Tiomnadh Nuadh gu Gàidhlig còmhla ri Urramach Seumas Stiùbhart à Cill Fhinn.[1] Rinn Seumas Stiùbhart an eadar-theangachadh agus bha Dùghall Bochanan a' mharasglachadh an obrach. Dh’fhoillsich Bochanan leabhar de na laoidhean spioradail ann an 1767 ann an Dùn Èideann. Chaochail e ann an 1768 (bha e dìreach 52 bliadhna a dh'aois) agus chaidh a thìodhlacadh ann an cladh faisg air Calasraid.
Laoidhean
- Mòrachd Dhè
- Fulangas Chrìost
- Latha a' Bhreitheanais
- Am Bruadar[2]
- An Gaisgeach
- An Claigeann
- Am Geamhradh
- Ùrnaigh
Leabhar-chlàr
- Bochannan, Dughall (1773): Laoidh spioradail. Duinedin: Clodh-bhuailt le Eoin Reid.
- Bochanan, Dugall (1908): The Life, Conversion and Spiritual Hymns of Dugald Buchanan: Beatha agus Iompachadh Dhùghaill Bochannain. Edinburgh: John Grant.
Sgrìobhadh mu a dheidhinn
- Meek, Dòmhnall E. "Ath-sgrùdadh: Dùghall Bochanan". Gairm 147 (An Samhradh 1989), Gairm 148 (Am Foghar 1989).
Iomraidhean
- “Dugald Buchanan: Biography”. Undiscovered Scotland. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2018.
- (2001): ann an: Black, R.: An Lasair: An Anthology of Eighteenth-century Gaelic Verse. Edinburgh: Birlinn, td. 246–253.