Dòmhnall Ruadh Phàislig

Bhuineadh Dòmhnall Ruadh Phàislig, no Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir, no Bàrd Phàislig, (1889 - 1964), do Shnaoiseabhal ann an Uibhist a Deas.

Dòmhnall Ruadh Phàislig
Beatha
Breith Snaoiseabhal, 1 dhen Dàmhair 1889
Dùthaich  Alba
Bàs Pàislig, 7 dhen Fhaoilleach 1964
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, clachair, pìobaire agus bàrd
Obraichean comharraichte Òran na Cloiche
Gnè ealain bàrdachd
Seirbheis san arm
Meur an airm Camshronaich na Bànrigh
Strì Blàr Loos

Thàinig air Dòmhnall an sgoil fhàgail air ceithir bliadhna deug ach tha e coltach gur e duine tùrail a bh' ann a rinn deagh fheum do na bh' aige de sgoil agus cuideachd don bheul-aithris a bha pailt anns a' choimhearsnachd agus gu sònraichte air bilean a mhàthar. Tha e a' nochdadh ann an cunntasan sgrìobhte Cùirt nan Con ann an Loch nam Madadh nuair nach eil e ach mu fhichead bliadhna a dh'aois agus e a' riochdachadh chroitearan Uibhist a Deas an aghaidh na Bean-uasal Gordon Cathcart 's i a' feuchainn toirt orra teisteanas a bhith aca mus fhaodadh iad coin a chumail. 'S ann le Dòmhnall agus na croitearan a chaidh an latha agus rinn e dàn mar chuimhneachan air a' chùis.

'S e pìobaire ioma-phuirt a bh' ann an Dòmhnall. Bha e na chlachair agus na iasgair ann an Uibhist agus bha e greis ag obair air loidhnichean-fòin a chur a-staigh. Na òige ghabh e don arm mar phìobaire ann an Rèisimeid nan Camshronach. Bha e air an arm fhàgail ron a' Chogadh Mhòr ach chaidh e don Fhraing mar phìobaire nan Camshronach. Mu dheireadh thog e a chasan leis a thìr mòr far an do phòs e Màiri NicIllFhaolain, a bha cuideachd à Uibhist a-Deas ann an 1930. Bha ceathrar chloinne agus 's e dachaigh làn Gàidhlig a bh' aca ann am Pàislig, far an do rinn Dòmhnall deagh chuid de na h-òrain aige. Bha iomadach cuspair fa-near dha, eadar beatha ann an Uibhist agus ann an Glaschu agus nas fhaide air falbh.

Dh'eadar-theangaich e bàrdachd Raibeart Burns gu Gàidhlig, mar eisimpleir 'Tam O Shanter' agus 'The Twa Dugs'. Tha Ruaraidh MacThòmais a' moladh nan eadar-theangachaidhean.[1]

Chaidh Dòmhnall a chrùnadh mar Bhàrd a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 1938 agus chaidh a' bhàrdachd aige a foillseachadh leis a' Scottish Gaelic Texts Society ann an 1968. Tha e air a thìodhlaigeadh ann an Cladh Hawkhead ann am Pàislig.

Iomraidhean

  1. Thomson, Derick. An Introduction to Gaelic Poetry (London: Victor Gollanz Ltd, 1974) 257.

Ceanglaichean a-muigh

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.