Cuimris
'S e Cuimris cànan nan Cuimrich. Cymraeg 'sa chànan fhèin. Bhruidhinnear i anns a' Chuimrigh agus ann an Chubut anns An Argantain. 'S e cànan Breatannach, Ceilteach a th' ann agus gu h-eachdraidheil bha i air a bruidhinn air feadh eilean Breatainn Mhòr, chan ann a-mhàin sa Chuimrigh. Tha mu 500,000 neach a bhruidhneas an cànan air fhàgail - timcheall air 20% den t-sluagh Cuimreach gu lèir.
Cuimris Cymraeg | ||
---|---|---|
Fuaimneachadh | [kəmˈrɑːɨɡ] | |
Far a bheil i 'ga bruidhinn | ||
Luchd-labhairt iomlan |
791,000+: | |
Teaghlach-chànan |
| |
Siostam-litreachaidh | Aibidil Laideannach | |
Inbhe Oifigeil | ||
Far a bheil i 'na chànan oifigeil | A' Chuimrigh | |
Còdan Cànan | ||
ISO 639-1 | cy | |
ISO 639-2 | wel | |
ISO 639-3 | cym | |
Canar gur e Llyfr Du Caerfyrddin (Beurla: The Black Book of Carmarthen) an làmh-sgrìobhainn as sine a chaidh a sgrìobhadh gu tur ann an Cuimris.[8] Tha an leabhar seo agus cuid de na seann tùsan Chuimreach eile rim faicinn ann an Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh an-diugh.
Iomraidhean
- 2004 Welsh Language Use Survey: the report - Welsh Language Board
- http://www.ibiblio.org/pub/archives/welsh-l/welsh-l/1993/Mar/More-Welsh-Speakers
- Ethnologue: Welsh
- Ethnologue: Languages of Canada.
- USEnglish.orgPDF (89.8 KiB)
- Cultural Table, Riaghaltas Shealainn Nuadh (XLS).
- Western Australia.
- Daniel Huws, Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh (Llyfrau Cymraeg 1250-1400, Aberystwyth 1993).