Cuaigearan
Tha na Cuaigearan nam buill de ghluasadan creideimh air a tha, gu lèir, Comann Cràbhach nan Caraid (Beurla: Quakers no Religious Society of Friends).[1] Tha a' chuid as motha dhiubh gan fhaicinn fhèin mar Chrìosdaidhean; ge-tà, tha iomadh diofair eadar buidhnean sònraichte air sgàth diadhachd agus adhraidh, oir tha iad a' creidsinn ann an "solas a-staigh" aig gach ball seach ann an creudan suidhichte. San fharsaingeachd, tha iad nan sìochantairean, tha iad airson sìmplidheachd agus co-ionnannachd, agus an aghaidh innse bhreugan. Tha prionnsabalan aig coimhearsneachdan sònraichte air an cruthachadh ann an Leabhar Smachd (Beurla: Book of Discipline). Tha na leabhraichean seo air an atharrachadh bho àm gu àm agus tha caochladh ainm oifigeil eile aca, m.e. Faith and Practice (Creideamh agus Cleachdadh) no Quaker Faith and Practice.
Comann Cràbhach nan Caraid | |
Stèidhichte | 17mh Linn |
Leabhar Cràbhach | Leabhar Smachd |
Ceannard | Duine sam bith |
Thòisich | Sasainn |
Dùthchanan as treasa | Sasainn A' Cheinia Na Stàitean Aonaichte Burundi Guatamala |
Chaidh an stèidheachadh aig meadhan 17mh linn ann an Sasainn le George Fox.[2] An-diugh, tha coimhearsneachdan nan Cuaigearan as motha anns a' Cheinia (mu 134,000), anns na Stàitean Aonaichte (mu 87,000) agus ann an Guatamala (mu 21,000). Ann an 2010, bha 14,315 Cuaigearan clàraichte anns an Rìoghachd Aonaichte, 720 dhiubh ann an Alba.[3] Tha Sìochantas gu math cudromach dha na Cuaigearan.
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
- Cuaigearan Breatannach (Beurla)
- Cuaigearan Albannach (Beurla)
- Quaker faith & practice aig na Cuaigearan Breatannach, 1995 (Beurla)