Crosshouse
'S e baile ann an Comhairle Shiorrachd Àir an Ear a tha ann an Crosshouse. Tha am baile suidhichte faisg air Cill Mhearnaig. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 36′ 44″ Tuath agus 4° 33′ 10″ Iar.
![](../I/Crosshouse_Church_-_geograph.org.uk_-_143713.jpg.webp)
Eaglais ann an Crosshouse
![](../I/Gedenkplakette_Andrew_Fisher.JPG.webp)
Clach airson cuimhe a thoirt do dh'Andrew Fisher
Ann an 2001 bha 2,454 duine a' fuireach an seo.[1]
Chaidh am baile a thogail anns an 19mh linn airson nam mèinnearan dhen sgìre seo. Chun a' bhliadhna 1882 bha e na phàirt dhen sgìre Cille Mhàra.
Daoine ainmeil
Rugadh Andrew Fisher (29 an Lùnasdal 1862–22 an Dàmhair 1928 ann an Lunnainn), prìomh-mhinistear Astràilia, ann an Crosshouse. Bha e ag obair ann an toll-guail mus do dh’imrich e do dh'Astràilia ann an 1885. Bha e na prìomh-mhinistear trì tursan.
Iomraidhean
- Scotland's Census Result OnLineTeamplaid:Fix/category
Ceanglaichean a-mach
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 392 384
Siorrachd Àir agus Arainn
![](../I/Flag_of_Scotland.svg.png.webp)
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.