Creag Eileachaidh

'S e baile beag ann am Moireabh a tha ann an Creag Eileachaidh (Beurla: Craigellachie).[1][2] Tha am baile suidhichte aig Comar Uisge Spè agus Abhainn Fhiodhaich. Tha e suidhichte air an eadar-ghearradh de na mhòr-rathaidean A95 bho Bhaile Chè gu Obar Lobhair agus an A941 bho Rathais gu Baile Bhainidh. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 29′ 25.84″ Tuath agus 3° 11′ 21.77″ Iar.

Creag Eileachaidh
Drochaid Chreag Eileachaidh

Tha dà taigh-staile aige agus tha e na dhachaigh den Speyside Cooperage. Tha an uisge beatha ainmeil "Glenfiddich" a' tighinn à Gleann Fidhich a tha faisg air a' bhaile.

Chaidh Drochaid Chreag Eileachaidh a thogail le Thomas Telford ann an 18121814. B’ e deagh obair innleadaireachd a bha anns an drochaid aig an àm ud. Tha righle ann mun drochaid seo ris an canar Craigellachie Bridge Strathspey Reel.[3]

Iomraidhean

  1. Stòr-dàta SMO
  2. Alba le Roy Pedersen
  3. Ceòl Craigellachie Bridge Strathspey Reel

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.