Cotonou

'S e Cotonou am baile as motha a tha ann am Beinin. Anns a bhliadhna 2006 bha 761,137 duine a’ fuireach anns a' bhaile fhèin. Tha Cotonou suidhichte anns an ear-dheas na dùthcha eadar an Cuan Siar agus an Loch Nokoué. 'S e seo an co-chomharran aige: 6° 22' Tuath agus 2° 26' Ear. [1] Tha Cotonou 25km air falbh bho Phorto Novo, 136km bho Lomé (Togo), 639km bho Abuja (Nìgeiria, 798km bho Niamey (Niger) agus 798km bho Ouagadougou (Burkina Faso).[2] Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 53m os cionn ìre na mara.[3]

Cotonou
Suidheachadh
Dùthaich Benin
Ceàrn Littoral
Co-chomharran 06° 21 36' Tuath
02° 26 24' Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 761,137 (2006)
Àireamh fòn +

Ged as e Porto-Novo am prìomh-bhaile na dùthcha, tha mòran togalaichean pàrlamaideach agus seirbheisean dioplòmasach ann. Mar sin canar gur e Cotonou de facto am prìomh-bhaile a tha ann am Beinin. 'S e an Autonomous Port of Cotonou am port mara as cudthromaiche den dùthaich. Tha am port-adhair nàiseanta Cadjehoun Airport agus rathad-iarainn (gu Parakou) ann an Cotonou cuideachd.

Àitichean inntinneach

  • Cotonou Friendship Stadium
  • Cotonou Cathedral, Àrd-eaglais Chotonou
  • Cotonou Central Mosque, Mosg
  • Dantokpa Market, blàr-fèille cho mòr ri 20 heactair
  • Oilthigh Nàiseanta Bhenin

Bailtean Co-cheangailte

Gnàth-shìde

Tha gnàth-shìde thioram- fliuch teth tropaigeach ann an Cotonou le dà ràith fliuch (An GibleanAn t-Iuchar, An t-SultainAn Dàmhair) is dà ràith tioram. Tha a’ ghaoth leis an canar Harmattan ann bhon An Dùbhlachd gu ruige Am Faoilleach. Mar as àbhaist bidh an teodhachd bhliadhnail bho 25 °C gu 30 °C, gun atharrachaidhean mòra ann, fad a’ bhliadhna. Bidh 800mm gu 1,200m dhe uisge a’ tuiteam air a’ bhaile gach bliadhna.


Fiosrachadh airson Cotonou
Mìos Faoilleach Gearran Màrt Giblean Cèitean Ògmhios Iuchar Lùnasdal Sultain Dàmhair Samhain Dùbhlachd Bliadhna
Teodhachd as àirde ann am meadhan (Celsius) 30 31 31 31 30 28 27 27 27 28 30 30
29
Teodhachd as ìsle ann am meadhan (Celsius) 24 26 26 26 25 24 23 23 23 24 25 24
25
Làithean dhe uisge 1 3 5 7 12 16 13 11 13 11 3 2
97
Bho: www.weatherbase.com

Dealbhan

Ceanglaichean A-mach

Iomraidhean

  1. earth-info
  2. Distance Calculator
  3. Mongabay
  4. Sister Cities International
  5. Annuaire de France
  6. Annuaire de France
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.