Costa Ìbhri

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann Costa Ìbhri [1][2][3] neo an t-ainm oifigeil Côte d'Ivoire[4][5] (an oirthir eabarach).

Tha crìochan aice san iar le Libèiria agus Gini, sa tuath le Màili agus le Buircina Fhaso agus san ear le Gàna. Tha Camas Ghini san deas dhith. Is e Yamoussoukro am prìomh-bhaile (de jure) aice, ach 's e Abidjan teas meadhan malairteach na dùthcha.

Bha i na thìreachadh Frangach gus an do bhuannaich i a saorsa ann an 1960 agus Félix Houphouët-Boigny a ceann-suidhe. Bha an ann an smachd gu ruige 1993 nuair a bhàsaich e. Lean Henri Konan Bedie e ach chaill e smachd ann an coup ann an 1999. Bhuannaich Laurent Gbagbo taghaidhean deamocratach ann an 2000.

Chaidh a' chiad chogadh sìobhaltach a shabaid eadar ceann a tuath agus ceann a deas na dùthcha eadar 2002 agus 2007. Chaill Gbagbo an taghaidhean deamocratach a lean cumhnant na sìthe do dh'Alassane Ouattara ach dh'fhuirich e ann an smachd. Lean an dàrna chogadh sìobhaltach eadar 2010 agus 2011.[6]

Bhuannaich Ouattara taghaidhean a' cheann-suidhe ann an 2011 agus a-rithist ann an 2020. Cha do ghabh na pàrtaidhean dùbhlanach pàirt anns an taghadh ann an 2020.[7] Chuir e Robert Beugré Mambé ann an àite Patrick Achi mar phrìomh-mhinistear ann an 2023 gun mìneachadh.[8]

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  4. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  5. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  6. Ivory Coast country profile”, BBC News. 24mh dhen Iuchar 2023. Air a thogail 24mh dhen Dàmhair 2023. 
  7. Ivory Coast election: Alassane Ouattara wins amid boycott”, BBC News. 3s dhen t-Samhain 2020. Air a thogail 24mh dhen Dàmhair 2023. 
  8. Ivory Coast presidency says Robert Beugre Mambe appointed as PM”, Reuters. 16mh dhen Dàmhair 2023. Air a thogail 24mh dhen Dàmhair 2023. 

Ceanglaichean a-mach

Mapa: Costa Ìbhri
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.