Corsock
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Caisteal Dhùghlais, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Corsag (Beurla: Corsock). Tha e suidhichte aig 121m os cionn ìre na mara,[1] air an àide an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), eadar Baile MhicIllFhaolain agus Crocketford, faisg air inbhir na h-aibhne Oir[2] agus Allt Crogo.[3] Tha e 258km air falbh bho Obar Dheathain, 109km bho Ghlaschu, 22km bho Dhùn Phris agus 109km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Corsock. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus dreuchdan ann an Caisteal Dhùghlais agus Dùn Phris. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile ann.[5] Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann[6] agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann an Springholm agus dhan àrd sgoil ann an Caisteal Dhùghlais.[7] Tha dìreach 527 duine a' fuireach san sgìre Corsock agus Cille Phàdraig Durham.[8]
Corsag | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Co-chomharran | 55° 03' 00″ Tuath 03° 57' 00″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 527 () |
Àireamh fòn | 01644 |
Freumhan an ainm
Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1527 mar Karsock.[9] Tha e coltach gur ann à Cors neo crìoch agus am meanbhan og [10] ann an seann chuimris a tha an t-ainm. 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba.
Iomraidhean
- Falling Rain
- Galloway fisheries Trust
- Scottish Places
- Distance From
- Community Council
- A' Chomhairle
- Castle Douglas High School
- A' Chomhairle
- The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- The Brittonic Language in the Old North
An Abaid Ùr • Achadh nan Càrn • Àrd an Grèidh • Àrd na Coille • Ath Crogaid • Baile Ghill-Iosa • Baile Labhrainn • Baile Mhic Aoidh • Baile MhicIllFhaolain • Bàrr a' Ghrianain • Beeswing • Borgh • Caisteal Dhùghlais • Càrn an Uaimh • An Ceap • Cille Bheathain • Cille Chùithbeirt • Cill Fhinnein • Cille Phàdraig Durham • Clachan Eòin • An Còrsa Feàrna • Corsaig • Crois Mhìcheil • Cùl a' Bheinn • Dail Beithich • Dùn Droighnein • Gall-Ghàidhealaibh Nuadh • Garradh na h-Aibhne • Gleann Lochair • Gleann an t-Sruthail • Haugh of Urr • Lochfoot • Am Mòine Naomh • Muine Gobha • Parton • Palnackie • Port Aiseig a' Chrìch • Ringford • Rhonehouse • Springholm • Taigh an Rathaid • Tìr na h-Eaglaise • Tongland • Twynholm