Corra-ghritheach
'S e eun a th' anns a' chorra-ghritheach (Laideann & ainm saidheans: ardea cinerea, Beurla: grey heron).
Ardea cinerea | |
A' Chorra-ghritheach | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Animalia |
Fìleam | Chordata |
Clas | Aves |
Òrdugh | Pelecaniformes |
Teaghlach | Ardeidae |
Gèineas | Ardea |
Spèiseas | A. cinerea |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Ardea cinerea (Linnaeus, 1758) | |
Briathran Gàidhlig eile | |
Corra-ghlas | |
Lorgar iad anns na h-àiteachan le gnàth-shìde mheasarra sa Roinn-Eòrpa, Àisia, agus ceàrnaidhean de dh'Afraga.
Giùlan
Chithear a' chorra-gritheach an cois na mara agus an cois aibhnichean. Coisichidh i air oitir a' lorg bìdh. Nuair a tha i a' sealg, faodaidh i a bhith na seasamh gun ghluasad fad ùine mhòr. Ithidh i èisg, daolagan, radain, luchain agus losgannan.[1]
Coltas
Tha gob, casan, agus amhaich fada aig a' chorra-ghritheach. Tha a ceann geal le bann dubh a' dol tarsainn a sùilean. Tha a sùilean fhèin agus a gob buidhe. Tha a h-amhaich geal. Tha a druim agus a broilleach liath. Tha a sgiathan liath agus dubh. Tha a casan donn.
Gu tric, bidh inbheach 91cm a dh'fhaide.[1]
Chan eil e furasta an diofar eadar am fear agus an tè fhaicinn. Tha an ite air cùl a cinn nas giorra aig an tè.
Tha lèirsinn anabarrach math aig a' chorra-ghritheach.
Faodaidh a' chorra-ghritheach a bhith beò fad 25 bliadhna.
Modh-sìolaidh
Beiridh i 3 - 5 uighean gach bliadhna eadar An Gearran is An Cèitean. Tha iad soilleir-ghorm.[1]
Anns na h-Ealain Gàidhlig
Òrain
- Murchadh MacPhàrlain, Corra-ghritheach Dhonn
- BBC Bliadhna nan Òran air a sheinn le Mairead agus Donaidh MacLeòid; Na h-Òganaich.
- Tobar an Dualchais, Clàr 99208 (1997) air a sheinn le Glasgow Gaelic Musical Association
- Màrtainn MacIlleMhaoil à Breacais, Òran na Corra-ghrithich no A' Chorra-ghritheach a Mharbh Calum
- Tobar an Dualchais, Clàr 70659 (1956) air a leughadh agus mhìneachadh leis an Urr. Tormod Dòmhnallach.
- Cha do Mharbh thu a' Chorra-ghritheach
- Tobar an Dualchais, Clàr 46125 (1953) air a sheinn leis an Caiptean Dùghall MacCormaig
- Aonghas Iain Caimbeul, Òran na Corra-grithich no 'S Mar a Thachair Dhuinn, Nach Annasach
- Tobar an Dualchais, Clàr 80467 (1960) air a sheinn le Tormod MacIlleMhaoil
- Tobar an Dualchais, Clàr 86880 (1964) air a sheinn leis an ùghdar.
Bàrdachd
- Somhairle MacGill-Eain, A' Chorra-ghritheach
- Ri fhaighinn air clàr. Barran agus Asbhuain le Sorley MacLean (1973) Claddagh Records Limited
Sgeulachdan
- Lauchie MacLellan, 'An Sionnach 's a' Chorra-ghritheach', ann an Brìgh an Òrain(2001) deas. le John Shaw (McGill-Queen's Press), d.302-305.
Rosg
- Alasdair Caimbeul, Cuid a' Chorra-Ghrithich (CLÀR, ISBN: 9781900901642)
Beul-aithris
- Sgeulachdan agus fiosrachadh mu bheathaichean. Tobar an Dualchais, Clàr 30468 (1969) air innse le James MacArthur
- Rann mu chorra-ghritheach. Tobar an Dualchais, Clàr 51162 (1970) air innse leis an Urr. Donald MacLeod
Seann-fhaclan
- Cha suaicheantas corra air cladach
- - sealladh no suidheachadh nàdarra, chan eil e coltach gun tachair càil às an àbhaist. [2]
Eile
- A’ Chorra-Ghritheach. Postair (Meud 504 x 732mm) Acair. ISBN: 9780861523757Teamplaid:Fix/category
Sgrìobhaidhean mu a deidhinn
- Breeze Jones, E.V. (1987) Eoin Uisge. A' Ghàidhlig le Frang U. Rennie (Steòrnabhagh: Acair), d.4 IBSN: 086152 024 6
Iomraidhean
- Breeze Jones, E.V. (1987) Eoin Uisge (Steòrnabhagh: Acair), d.4
- Faclair Dwelly fon fhacal 'Corra'
Dealbhan
- Ceann na corra-ghritheach
- Broilleach, sgiath
- Sgiath
- Ceann
- Claigeann
- Uighean na Corra-grithich