Coineagan a Tuath (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)
'S e sgìre Phàrlamaid na h-Alba a tha ann an Coineagan a Tuath (Beurla: Cunninghame North).[1]
Coineagan a Tuath | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Taigh an Ròid |
Ball | Kenneth Gibson BPA |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Àireamh-bhòtaidh | 31,965 |
Mòr-chuid | 8,724 |
Chaidh i a chruthachadh ann an 1999 le crìochan de sgìre Phàrlamaid Westminister, ach mhùth na crìochan ann an 2005. Tha Arainn, Àird Rosain, an Leargaidh Ghallda, Dail Fhraoich agus Beithe san sgìre seo.[2] Tha i ann an crìch ri Grianaig agus Inbhir Chluaidh, Siorrachd Rinn Friù a Deas, Cille Mheàrnaig agus Srath Irbhinn agus Coineagan a Deas.
Buill-phàrlamaid
Taghadh | Ball | Pàrtaidh | Mòr-chuid | Àireamh-bhòtaidh |
---|---|---|---|---|
2016[3] | Kenneth Gibson | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | 8724 | 31965 |
2011[4] | Kenneth Gibson | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | 6117 | 29536 |
Buill Pàrlamaid na h-Alba airson Alba an Iar
Buill sgìreil | Marie McNair (Bruach Chluaidh agus Muileann-Gaidh) • Jackson Carlaw (A' Choille Shear) • Ruth Maguire (Coineagan a Deas) • Kenneth Gibson (Coineagan a Tuath) • Jackie Baillie (Dùn Breatann) • Stuart McMillan (Grianaig agus Inbhir Chluaidh) • George Adam (Pàislig) • Tom Arthur (Siorrachd Rinn Friù a Deas) • Natalie Don (Siorrachd Rinn Friù a Tuath agus an Iar) • Rona Mackay (Srath Chelbhinn agus Bearsden) |
Buill liosta | Neil Bibby • Paul O'Kane • Russell Findlay • Pam Gosal • Jamie Greene • Ross Greer |
Iomraidhean
- “Gaelic Constituency and Region Names 2011”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 1d dhen Ghiblean 2017 (pdf).
- “Recommended Scottish Parliament constituencies: Cunninghame North”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 5mh dhen Lùnasdal 2017 (pdf).
- “Cunninghame North - Scottish Parliament Constituency” (Beurla). BBC. Air a thogail 5mh dhen Lùnasdal 2017.
- “VOTE2011: Cunninghame North”. BBC. Air a thogail 5mh dhen Lùnasdal 2017.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.