Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh

Tha An Spàinn air a roinneadh ann an 17 pàirtean air a bheil Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh (Basgaisː Autonomia Erkidegoak, Catalanaisː comunitats autònomes, Spàinntisː Comunidades Autónomas). 'S e Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh a th'annta air sàilleabh gu bheil cumhachdan reachdail agus laghail aca. Tha iad, gu h-ìre mar Alba. Chruthaich Bun-reachd ùr 1978[1] Spàinne cumhachdan airson siostam riaghlaidh ùr a chuir air dòigh san Spàinn, mar phàirt a' phròiseis anns an robhar a' deamocrachadh na stàite, an dèidh na deachdaireachd, a mhair bho 1939 gu ruige bàs Francisco Franco, ann an 1975.[2]

Figearan

'S e Castilla y León a' Choimhearsnachd fèin-riaghlaidh as fharsaingiche (94,223km²) ach 's e Na h-Eileanan Balèarach an tè as lugha (1,239km²). Tha àireamh-sluaigh Andalusia mòran nas àirde na càch, ach tha àireamh-sluaigh La Rioja nas lugha na coimhearsnachdan eile. A thaobh làn-thoradh dùthchail, ann an 2010, b' e na figearan airson Madrid a bha as àirde agus La Rioja as ìsle.[3] Tha a h-uile coltas ann gur e Dùthaich nam Basgach, no Euskadi ann am Basgais fhèin a' Choimhearsnachd fèin-riaghlaidh far a bheilear a' deànamh barrachd ùr-ghnàthachadh, an taca ri àiteachan eileː 1.5 ann an 2007[4]. Bha na cosgaisean a thathar a' caitheamh air sgrùdadh is dealbhachadh aig 1.90 ann an 2008. Airson gach pearsa, 's ann ann an Dùthaich nam Basgach far a bheil an teachd a-steach as àirde (€32,133) agus 's ann ann an Extremadura far a bheil na figearan as ìsle (€24,020). Tha na figearan airson nam Basgach 33,8 % as àirde na airson an corr dhen stàit.

Seo liosta nan Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh agus am prìomh-bhaileː

Rudan Neònach

Thathar a' cumail cumhachdan eile aig ìre nan roinnean. A dh'aindeoin seo, far an robh Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh aon-roineil ann, chuireadh an roinn agus a' Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh ri chèile. Seo a thachair ann an Asturias, Na h-Eileanan Canàrach, Cantàbria, La Rioja, Madrid, Mucia agus Nafarroa.[5] Chaidh ainm Roinn Logroño atharrachadh gu La Rioja agus Roinn Oviedo gu Asturias ann an 1978 fo lagh 57/1980.[6] A bharrachd air sin, tha dà bhaile thall air costa a tuatha Afraga a tha a' buntainn dhan Spàinn: Ceuta agus Melilla. 'S e Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh a th' annta, leis gu bheil cumhachdan Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh agus baile aca aig an aon àm.[7]

Iomraidhean

  1. Constitución Española
  2. BBC
  3. El Mundo
  4. INE
  5. IGN
  6. Notícias Jurídicas
  7. MECD
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.