Cnoc Fhaoighris
'S e cnoc ann an Ros an Ear, Gàidhealtachd na h-Alba, a tha ann an Cnoc Fhaoighris, Beurla Fyrish. Tha e 1478 tròigh a dh'àirde, le carragh-cuimhne air a mhullach, air a thogail le Eachann Rothach (8mh Rothach Taigh an Fhuamair) ann an stoidhle Innseanach ann an 1782-83, ri fhaicinn air cùl Bhaile Eòghainn agus Alanais. Sin am mullach as àirde oighreachd Taigh an Fhuamhair.
Cnoc Fhaoighris
A rèir eòlaiche ainmean-àite Rois is Chrombaidh, Uilleam MacBhatair, 's e ainm Lochlannach no Cruithneach a th' ann, chan e fear Gàidhlig no Albais. Tha slighe-coiseachd mhath ann,[1] agus seallaidhean farsaing gu Beinn Uais agus thairis air Linne Chrombaidh ri fhaighinn bhon mhullach.
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
- Scotsman: Fyrish Monument
- Sir Hector’s Follies Teamplaid:Fix/category
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.