Clamhan-gobhlach
Is e eun-creachaidh a tha a' buntainn dhan teaghlach Accipitridae a tha anns a' chlamhan-ghobhlach (Milvus milvus). Tha e a' fuireach anns an Roinn-Eòrpa agus ann an Afraga an Iar-thuath.
Milvus milvus | |
Clamhan-gobhlach fais air Reading, Sasainn. | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Animalia |
Fìleam | Chordata |
Clas | Aves |
Òrdugh | Falconiformes no Accipitriformes |
Teaghlach | Accipitridae |
Gèineas | Milvus |
Spèiseas | M. milvus |
Ainmean eile | |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Milvus milvus (Linnaeus, 1758) | |
Briathran Gàidhlig eile | |
Clamhan-gobhlach, Croman-luchaidh, Croman-lachdann | |
Bha e uaireigin pailt anns a' Bhreatainn, ach aig meadhan an 20mh linn cha robh ach beagan paidhrichean anns a' Chuimrigh ann. Chaidh clamhain-ghobhlach bhon Spàinnt, bhon t-Suain agus bhon Ghearmailt air an cur a-steach do dh'Alba agus do Shasainn agus bha an sgeama soirbheachail.[1] Ann an 2012, chaidh ionad ùr fhosgladh aig Tolaidh san Eilean Dubh far a bheil na clamhain a' tadhal airson biadh agus far am faod am poball coimhead orra.[2]
Dealbhan
- Museum specimen
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.