Clach-ghainmhich
Tha clach-ghainmhich na seann ruadh-chlach air a dèanamh de smùrach chreagan gainmheach. Tha e à clach-èite agus feldspar.

Clach-ghainmhich
Is ann bho fhuigheall na talmhainn, a chruadhaich fo chuideam tro na linntean, a tha sinn a' faighinn creagan dàrnach mar a tha seann ruadh-chlach-ghainmhich. Chaidh cuid mhòr de chlach-ghainmhich ann an Alba a cruthachadh anns an linn Deabhonianach.[1]
Ailtireachd

Cathair-eaglais chlach-ghainmhich ann am Baile na h-Eaglaise.
Tha bailtean leithid Peairt cha mhòr uile gu lèir air an togail le cloich-ghainmhich.[2] Tha an dà chuid togalaichean aosta agus togalaichean ùra am Baile Ùr Dhùn Èideann mar as trice air an togail leis an t-seòrsa cloiche seo.[3]Is ann à clach-ghainmhich a tha a' chathair-eaglais am Baile na h-Eaglaise, Arcaibh.
Iomraidhean
- Innse Gall, Cruth-tìre air a dhealbh le clach-eòlas NàdarAlba, 2007
- Gairm, Leabhar XVI, Geography na h-Albann, (5) Siorrachd Pheairt le Ruairidh MacFhionghuin, Creagan is Talamh, td45
- Martin Hannan (2na dhen Iuchar 2015): “£850m shop plan for capital”. The National. Air a thogail 24mh dhen Iuchar 2015.
Faic cuideachd
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.